Làithean na Pàrlamaid ann an 2013 – sùil air ais #gaidhlig


Bha bliadhna gu math trang aig Sgioba na Ruigsinn ann an 2013. Am measg rudan eile, bha sinn an sàs anns na làithean Pàrlamaid a ghabh pàirt am-bliadhna ann an Steòrnabhagh, Sruighlea agus Obar Bhrothaig.

 

An t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick (Clì) agus Greame Day BPA (deas) le Brian Stormont, Deasaiche an Arbroath Herald (meadhan)
An t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick (Clì) agus Greame Day BPA (deas) le Brian Stormont, Deasaiche an Arbroath Herald (meadhan)

Chaidh ar ceathramh Latha Pàrlamaid a chumail ann an Obar Bhrothaig air 4 Samhain 2013. Ghabh sgoilearan na Bun-sgoil ionadail pàirt ann an seiseanan foghlaim co-cheangailte ris a’ bhuidseit ron tachartas. Air Dimàirt 28 an Dàmhair, chaidh sinn gu Acadamaidh Obar Bhrothaig agus air Diciadain 29 thadhail sinn air Acadamh Mhon Rois.

Air Didòmhnaich 3 Samhain, choinnich 102 luchd-aoigheachd ris an Oifigear Riaghlaidh is ri BPAan ann an àite eachdraidheil sa bhaile, Teatair Cuimhneachaidh Webster. Chuir an t-Oifigear Riaghlaidh fàilte air a h-uile duine agus chaidh fàilte a chur oirnn gu Obar Bhrothaig is Aonghas leis  a’ Chomhairliche Helen Oswald, Pròbhost Comhairle Aonghais. Cuideachd, bhruidhinn Coinneach Gibson BPA, Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, mu na bha san amharc aca ri linn an turais gu Obar Bhrothaig.

Os cionn an tachartais bha Leas-phrìomh bhalach Àrd-sgoil Obar Bhrothaig, Raibeart Mac Aindreas. Chuir Peadar Ney, Ailsa Uallas is Shannon Thain, a tha uile a’ frithealadh Àrd-sgoil Obar Bhrothaig, prògram ciùil air dòigh, rud a chòrd ris na bh’ ann.

Thug Fiona Walsh is Kelsey Ford seachad taisbeanadh tuigseach fiosrachail air an ùine a bha iad an sàs ann anIonad Sgilean Beatha PRAXIS. Mar phroiseact aig Voluntary Service Aonghais, chaidh an t-ionad fhosgladh ann an 2010. Cleachdar dòigh shònraichte ùr-ghnàthaichte a thaobh foghlam do dh’inbhich ann, stèidhichte air taic a thoirt do dhaoine ionadail a thaobh cosnaidh, obair shaor-thoileach is foghlaim.

Meanbh Rathad-iarainn Kerr's, Obar Bhrothaig.

Meanbh Rathad-iarainn Kerr’s, Obar Bhrothaig.

Air Diluain 4 an Samhain, bhathar a’ dèiligeadh gu sònraichte ri Comataidh an Ionmhais. Chaidh 16 buidhnean ionadail a riochdachadh aig buthan-obrach sa mhadainn, rud a leig le luchd-gnìomhachais ionadail agus luchd-riochdachaidh à buidhnean coimhearsnachd am beachd a thoirt seachad air molaidhean airson Buidseat na h-Alba 2014-15.

Fhritheil 68 daoine na coinneamhan foirmeil anns an Talla Chruinneachaidh aig Teatair Cuimhneachaidh Webster. San fheasgar, chuala a’ Chomataidh fianais bho Iain Swinney BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas, Cosnaidh is Fàs Seasmhach. Thadhail sgoilearan o Acadamaidh Mhon Rois, Àrd-sgoil Obar Bhrothaig is Colaiste Dùn Dè is Aonghais gus coimhead air a’ Phàrmalaid fo làn siùil.

Thadhail Nanette Milne, BPA sgìreil airson Ear thuath na h-Alba, air Bun-sgoil Caitligeach Naomh Tòmas air Diluain, far an deach ceistean a chur oirre mu raon chuspairean.

Nanette Milne BPA

Nanette Milne BPA

Bha latha trang aig an Oifigear Riaghlaidh a’ tadhal air buidhnean ionadaile còmhla ri Graeme Day, BPA Aonghais a Deas. Thòisich gnothaichean aig Buidheann Trèanaidh Aonghais, far an do choinnich iad ri luchd-foghlaim innealarachd. An ath rud ’s e tadhal air tràigh Abhach Mithidh gus faotainn a-mach bho Iain R. Spink mar a nithear Iasg Deataichte Obar Bhrothaig gu traidiseanta. Aig Garradh-bàta Mhic Aoidh, choimhead iad air catamaran ’s e air ath-chur air bhog, agus choimhead iad mun cuairt.

Aig lòn lìon-obrach ann am Biadhlann 56  aig Colaiste Dùn Dè is Aonghais, choinnich an t-Oifigear Riaghlaidh ri còrr is 20 aoigh o bhuidhnean saor-thoileach ionadaile, cho math ri oileanaich ciad bliadhna Teisteanas Solarachaidh Bìdh, a tha a’ feuchainn ri dreuchdan fhaotainn ann an Gnìomhachas na h-Aoigheachd agus a dh’ullaich am biadh ’s a thug seachad e. B’ e Samhain 1 latha-cur-an-dreuchd na Colaiste, a’ fàgail gun robh an t-Oifigear Riaghlaidh air tè de chiad luchd-tadhail na colaiste ùir.

San fheasgar, thadhail an t-Oifigear Riaghlaidh air gnìomhachas a bhuannaich duais, Bùth Chofaidh Darling, a chaidh a chur air bhonn le Enable Alba, gnìomhachas iomairt sòisealta a bheir cothrom trèanaidh do dhaoine òga le duilgheadasan ionnsachaidh.

Rosemary Everett

Rosemary.Everett@scottish.parliament.uk

Ceannard Sgioba na Ruigsinneachd, Pàrlamaid na h-Alba

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)