Toilichte eadar-theangachadh! #gaidhlig #happytotranslate


An t-seachdain sa chaidh air Latha Eòrpach nan Cànanan, bha sinn gu math trang air twitter le tweets ioma-chànanach ann an còrr is 15 cànanan – an dà chuid mòr-chànanan agus mion-chànanan. Taing mhòr dhan a h-uile duine a chuir tweet thugainn no a rinn RT dhuinn.

Air an aon latha, ghabh a’ Phàrlamaid ann an iomairt cànain chudromach eile – Happy to Translate. Tha Happy to Translate na phròiseact nàiseanta tha ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine nach eil fileanta sa Bheurla conaltradh a dhèanamh leis a’ Phàrlamaid – agus le buidhnean poblach eile. Nì e seo tro eadar-mhìneachadh is eadar-theangachadh.

Seo dealbh no dhà bho bhogadh a’ phròiseict sa Phàrlamaid.

Hanzala Malik BPA aig bogadh na h-iomairt

Jamie MacGriogair BPA aig bogadh na h-iomairt

Agus na diochuimhnich gu bheil sinn daonnan toilichte a bhith ag eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig cuideachd!

Airson barrachd fios mu chànainean sa Phàrlamaid, faic Poileasaidh Cànain is Plana Gàidhlig na Pàrlamaid.

Èist ri clàradh fuaim den bhlog seo air Soundcloud.

Alasdair

Gaidhlig@scottish.parliament.uk

A’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig ceart ann am foirmichean Happy to Translate!

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s