Dà latha air fhàgail gus Tapastraidh Mòr na h-Alba fhaicinn #gaidhlig #spvisit


Tha e air a bhith gu math gu math trang ann am Pàrlamaid na h-Alba bho chionn ghoirid agus Tapastraidh Mòr na h-Alba air a thaisbeanadh an seo ann an togalach na Pàrlamaid an Dùn Èideann.

Tha na mìltean air tadhal air Taigh an Ròid san dà sheachdain mu dheireadh agus tha ciutha mòr air a bhith ann taobh a-muigh na Pàrlamaid a h-uile latha le daoine a’ feitheimh gu foighidneach gus an obair ealain chudromach seo fhaicinn.

Elizabeth Chalmers, Oifigear Foghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba a rinn obair air a' phanal seo den Tapastraidh Mhòr.

Elizabeth Chalmers, Oifigear Foghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba a rinn obair air a’ phanal seo den Tapastraidh Mhòr.

Tha an tapastraidh 143 meatair a dh’fhaide agus chaidh obair a dhèanamh air le daoine ann an iomadh coimhearsnachd air feadh na dùthcha.

Mur eil thu air an taisbeanadh fhaicinn fhathast, chan eil mòran tìde air fhàgail oir ’s e Disathairne 21 den t-Sultain an latha mu dheireadh.

Carson a tha an taisbeanadh air còrdadh cho mòr ris an t-sluagh?

Uill, tha eachdraidh na h-Alba air fad ann! Cruinn-eòlas, cànainean, cultar, ceòl, A’ Ghàidhealtachd, a’ Ghalltachd, a’ Ghàidhlig, a’ Bheurla-Ghallda, seann phàrlamaid na h-Alba, Pàrlamaid ùr na h-Alba, poileataigs, an eaconomaidh, film agus tòrr, tòrr a bharrachd eile. ‘S e taisbeanadh gu math mòr a th’ ann agus cumaidh e trang thu airson co-dhiù uair a thìde agus, is dòcha, tòrr a bharrachd.

Ma tha thu air an tapastraidh fhaicinn, bhiodh e fìor mhath do bheachdan a chluinntinn an seo no air twitter @ParlAlba.

Seo cuid de na panalan anns an tapastraidh.

Panal: Ath-fhosgladh Pàrlamaid na h-Alba

Ath-fhosgladh Pàrlamaid na h-Alba

 

Na Fuadaichean

Na Fuadaichean

Crìonadh na Gàidhlig

Aiseirigh na Gàidhlig

Aiseirigh na Gàidhlig

Stèidheachadh Rioghachd na h-Alba

Stèidheachadh Rioghachd na h-Alba

 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk