Fianais Ghàidhlig ’s an referendum #gaidhlig #indyref


Chualas a’ Ghàidhlig aig coinneamh Comataidh nan Athchuingean Poblach an-dè agus dithis a’ toirt seachad fianais mu athchuinge co-cheangailte ris a’ chànan.

Chaidh iarraidh air Iain MacLeòid agus am Proifeasair Rob Dunbar (Oilthigh Dhùn Èideann) na beachdan aca a thoirt seachad air athchuinge a chur Mgr Macleòid a-steach a’ moladh gum bu chòir a’ Ghàidhlig nochdadh air pàipear baileit an reifreinn air neo-eisimeileachd.

Faodar coimhead air a’ choinneimh air-loidhne cuideachd air làrach-lìn na Pàrlamaid (deasbad air an athchuinge a’ tòiseachadh 80 mionaid a-steach dhan choinneimh).

Tha geàrr-chunntas na coinneimh le co-dhùnadh na comataidh ri fhaighinn a-nis agus bidh an Aithisg Oifigeil airson an coinneimh ri faighinn an ath sheachdain.

Mar phàirt de phoileasaidh cànain Pàrlamaid na h-Alba, faodar athchuingean a chur thugainn sa Ghàidhlig agus faodar sgrìobhadh thugainn anns a’ Ghàidhlig.

 

 

Rob Dunbar agus Iain Macleòid

Rob Dunbar agus Iain Macleòid

Ma tha thu ag iarraidh cùis a thogail le Pàrlamaid na h-Alba, cuimhnich gum faod thu a dhèanamh sa Ghàidhlig – agus nach leig e leas a bhith a’ ceangailte ris a’ chànan fhèin.  Dh’fhaodadh e a bhith mu chuspair sam bith a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk