Taisbeanadh Andy Warhol


Bheir an  taisbeanadh ‘Pop, Power and Politics’ cothrom do dhaoine sealltainn air faisg air leth-cheud obair-ealain le Andy Warhol aig Taigh an Ròid (Holyrood). Bidh buidhnean-obrach gan cumail aig an deireadh-sheachdain a’ cur gu dòigheil ris an taisbeanadh oir nochdaidh iad na dòighean a chleachd Warhol e fhèin gus na h-ìomhaighean as seasmhaiche leis a chruthachadh.

clò-bhualadh sgàilein (screen-printing)

clò-bhualadh sgàilein (screen-printing)

Ann a bhith a’ cleachdadh clò-bhualadh sgàilein, thug Andy Warhol feum às dòighean ann an gnìomhachas gus obraichean-ealain a dhèanamh. Bheir na buidhnean-obrach goirid seo, a tha air taic fhaighinn bho Urras Charnegie Dhùn Phàrlain, lèirsinn mun dòigh-obrach aige agus cothrom fhaicinn agus a chluinntinn mar a chaidh na h-ìomhaighean iomraiteach seo a chur ri chèile.

Thèid na buidhnean-obrach a chumail air 19, 20, 26, 27 Dàmhair agus 2, 3 Samhain. Bidh iad a’ ruith bho 11.00m gu 4.00f. Mairidh na taisbeanaidhean an-asgaidh fad leth na h-uarach an urra.  Gus àite a chur air dòigh, cuir fòn gu 0131 348 5454, ag innse cia mheud àite a tha a dhìth ort. Tha na buidhnean-obrach fosgailte do gach aois. Oifigear Gàidhlig