“Tha sinn toilichte a bhith an seo an-diugh” Stàitean nan Stàitean Aonaichte ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig @NCSLorg


Dh’aithris sinn an-dè gun robh Co-labhairt Nàiseanta nan Seanaidhean Stàite (NCSL) – buidheann nàiseanta airson reachdaireachdan nan Stàitean Aonaichte – gu bhith a’ coinneachadh ann am Pàrlamaid is an-diugh is an-dè.

Chithear am fios naidheachd (Gaidhlig) againn an seo.

Tha bhideo de chuirm fosglaidh na co-labhairt a-nis ri fhaighinn air loidhne far a bheil an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA agus Terie Norelli, Labhraiche Taigh-riochdairean New Hampshire agus ceann-suidhe NCSL a’ fosgladh ghnothaichean.

Am measg rudan eile air a bhideo, cluinnidh tu Terie Norelli a’ cleachdadh beagan Gàidhlig agus coisir Conservatoire Rìoghail na h-Alba a’ seinn.

Seo na stàitean/rainntirean/co-fhlaitheasan a tha air an riochdachadh aig a’ cho-labhairt:

Alabama, Alaska, Arkansas, Colorado, Georgia, Hawaiʻi, Idaho, Indiana, Iowa, Kentucky, Massachusetts, Michigan, Minnesota, Mississippi, Missouri, Montana, Nevada, New Hampshire, New Mexico, North Dakota, Ohio, Oklahoma, Oregon, Puerto Rico, South Dakota, Tennessee , Texas, Utah, Vermont, US Virgin Islands, Wisconsin, Wyoming.

Ma tha thu à gin de na stàitean sin – no gu dhearbh, à àite sam bith eile sna Stàitean Aonaichte, nach leig thu  fios thugainn air a’ bhlog!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s