Latha na Pàrlamaid ann an Sruighlea #gaidhlig #pdstirling


Bidh Pàrlamaid na h-Alba ann an Sruighlea an t-seachdain seo mar phàirt de dh’iomairt nan Làithean Pàrlamaid.

Bidh Comataidh Slàinte is Spòrs na Pàrlamaid an Sruighlea a-màireach (Dihaone 21 Ògmhios). Anns a’ mhadainn, bidh iad ag ionnsachadh mu dhiofar iomairtean co-cheangailte ri ceistean slàinte sa bhaile.

Air an fheasgair, cumaidh a’ Chomataidh coinneamh fhoirmeil ann an seòmraichean cathrach Comhairle Shruighlea, far am faigh iad fianais is fios mun rannsachadh aca air neo-ionannachd slàinte bho NHS Srath Foirthe, Chomhairle Shruighlea, Iomairt Shaor-thoileach Siorrachd Shruighlea agus Cholaiste Srath Foirthe.

Cuideachd air Latha na Pàrlamaid bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh, Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA, a’ tadhal air grunn bhuidhnean coimhearsnachd air feadh sgìre Shruighlea còmhla ri BPA Shruighlea, Brus Crawford BPA.

Elaine Nic a' Ghobhainn BPA

Am measg nam buidhnean air am bi an Leas-oifigear Riaghlaidh a’ tadhail, tha:

  • Sgoil-àraich Coimhearsnachd Red Kite: Tha Sgoil-àraich Coimhearsnachd Red Kite stèidhichte san Dùn agus is ann leis a’ choimhearsnachd ionadail a tha e. Bithidh iad cuideachd ga riaghladh.
  • Recyk-a-bike. Is e meur iomairt sòisealta de dh’iomairtean Coimhearsnachd Fallin a tha seo agus bidh iad a’ càradh agus ag ùrachadh bhaidhsagalan nach eilear ag iarraidh agus gan reic sa choimhearsnachd gu saor.
  • Tòiseachadh Banca Bidh Èiginn Sruighlea. Bidh an carthannas seo a’ feuchainn ri cuideachadh is taic a chumail ri teaghlaichean is daoine fa-leth a tha gun dachaigh agus ann an cruaidh chàs ionmhais le bhith a’ toirt pacan tòiseachaidh-dachaigh is maitheis, taic càirdeis agus pacan èiginn bìdh.
  • Biùro Comhairleachaidh Saoranaich Shruighlea. Is e Biùro Comhairleachaidh Saoranaich Shruighlea aon de na buidhnean as sine agus as fhaide a tha a’ dol ann an Alba, aig aois 74 bliadhna agus tha e aig cridhe na coimhearsnachd ionadail a’ toirt seachad comhairle an-asgaidh agus gu neo-eisimeileach do mhìltean de shaoranaich san sgìre.

Faodar an latha a leantainn air twitter air @ParlAlba agus @ScotParl.

Seo bhideo den Oifigear Riaghlaidh a’ bruidhinn mu Latha Pàrlamaid Shruighlea.

Bhideo mu Latha Pàrlamaid Sruighlea

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s