A’ Phàrlamaid ann an Sruighlea #gaidhlig


Chaidh Sgioba Ruigsinn na Pàrlamaid gu Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne ann an Sruighlea an-dè airson seisean foghlaim mu Phàrlamaid na h-Alba.

Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne, Sruighlea

Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne, Sruighlea

Dh’ionnsaich na sgoilearan p7 anns an aonad Ghàidhlig mu thaghaidhean, deasbadan agus mu chumhachdan Pàrlamaid na h-Alba.

Chùm an clas taghadh agus bha deasbad anns a’ chlas air a’ cheist am bu chòir uair a thìde de spòrs a bhith aig sgoilearan a h-uile latha. Bha an clas math air deasbad agus bha fìor dheagh Oifigear Riaghlaidh againn cuideachd.

Seo na ceannardan pàrtaidh a’ leughadh nam manifestothan aca dhan chlas.

 

Na Ceannardan Pàrtaidh

Tha seo am measg iomadh tachartasan Pàrlamaideach a tha gu bhith ann an Sruighlea co-cheangailte ris an treas Latha Pàrlamaid a bhios ga chumail sa bhaile Dihaoine 21 Ògmhios. Cùm sùil air a’ bhlog airson barrachd fiosrachaidh.

Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne

Gus seiseanan foghlam a chur air dòigh san sgoil agaibhse, cuir fios gu Cara Slater, Manaidsear an Fhoghlaim a-muigh aig cara.slater@scottish.parliament.uk.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s