Cleachd do chuid Gàidhlig leinn


Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cur fòcas air a seirbheisean Gàidhlig, a’ brosnachadh luchd-tadhail, BPAan agus a luchd-obrach a bhith a’ cleachdadh nan cothrom a th’ ann a bhith ga bruidhinn no ag ionnsachadh mun chànain

ann

Tha an iomairt mar phàirt de dhealas leantainneach na Pàrlamaid gus an aon spèis a thoirt don Ghàidhlig ’s a thathar a’ toirt don Bheurla.

pg

Thuirt Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, an t-Oll. Alasdair MacCaluim:

“Tha Gàidhlig aig cridhe dualchas na h-Alba ’s bu toil leinn a bhith a’  brosnachadh a h-uile neach aig a bheil a’ Ghàidhlig ur cuid Ghàidhlig a chleachdadh nur Pàrlamaid. 

“Tha luchd-tadhail agus luchd-obrach aig nach eil a’ chànain gam brosnachadh cuideachd a bhith a’ cleachdadh a’ chothruim gus barrachd ionnsachadh mun chànain bheairteach dhùthchasach seo.”

_MG_2080

Tha Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2013 gu 2018 a’ nochdadh nam planaichean-leasachaidh, nam measg mar a thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an obair na Pàrlamaid agus ann an conaltradh ris a’ phoball, ri Buill agus ri luchd-pàirteachais. 

hs

Faodar sealltainn air na gnìomhan gu lèir sa Phlana Ghàidhlig an seo.

Gheibhear Facal Gàidhlig na Seachdain an seo.

Plana Gaidhlig

Oifigear Gàidhlig