Comataidh a’ sireadh beachdan air bile croitearachd


Bidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd a’ sgrùdadh reachdas (legislation) a leigeas le sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearann a dhì-chroiteadh (de-croft).

Agus e a’ bruidhinn ri linn don Chomataidh a’ ghairm airson beachdan air Bile Croitearachd (Ath-leasachadh) (Alba) aca a chur air bhog, thuirt an Neach-gairm Rob Gibson BPA:

“Tha an reachdas seo deatamach do chroitearachd agus nì e cinnteach gum bi an aon chothrom aig luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearainn a dhì-chroiteadh.

Leis a’ bhuaidh a bheir seo air coimhearsnachdan-croitearachd, tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gluasad gu luath gus an neo-riaghailteachd laghail seo ag èirigh à Achd 2010 a cheartachadh.

“Gus a dhèanamh cinnteach nach bi dàil sam bith ann a bhith a’ sgrùdadh an reachdais seo, tha sinn ag iarraidh air an fheadhainn a tha ag iarraidh na beachdan aca a nochdadh a leithid a dhèanamh cho luath agus a ghabhas.

Airson barrachd fiosrachaidh briog an seo

Oifigear Gàidhlig