Tapadh leibh! #gaidhlig #meadhanansoisealta


Tha còrr is 500 luchd-leantainn aig @ParlAlba air twitter a-nis.

twitter

Bu mhath leinn taing a thoirt don a h-uile duine a tha gar leantainn agus don a h-uile duine a tha air ceist a chur oirnn, iomradh a thoirt oirnn no air na teachdaireachdan againn a chur air adhart.

Nuair a thòisich sinn cunntas twitter, bha sinn an dùil nach biodh ach mu 100 duine gar leantainn agus mar sin, tha e air togail mòr a thoirt dhuinn gu bheil an uiread de dhaoine airson leughadh mu obair na Pàrlamaid tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha sinn a-nis air 11,000 buillean a ruighinn air a’ bhlog againn cuideachd parlamaidalba.wordpress.com.

Ma tha ceist no beachd sam bith agaibh uair sam bith, na bi leisg fios a chur thugainn tro twitter, tron bhloga no tron phost-d.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk