Muinntir Bhaile Dhubhthaich a’ togail am BPA fhèin #gaidhlig #highlandcouncil #foghlam


Thàinig sgoilearan clas 6/7 à Bun-sgoil Chnoc na Creige ann am Baile Dhubhthaich, Ros an Ear, air turas gu Pàrlamaid Diluain sa chaidh airson seisean tro mheadhan na Gàidhlig.

 Muinntir Chataibh sa Phàrlamaid!

Dh’ionnsaich iad mu dheidhinn tiomnadh cumhachd, mu obair na Pàrlamaid, BPA is tòrr a bharrachd.

Bha e follaiseach gun robh na sgoilearan air tòrr ionnsachadh mun Phàrlamaid mus tàinig iad agus gun robh ùidh aca sa chuspair!

Sgoilearan à Baile Dhubhthaich sa Phàrlamaid

Aig deireadh an t-seisean, chluich sinn an geama “Tog do BhPA fhèin” agus chruthaich na sgoilearan Ball Pàrlamaid na h-Alba le dealbh cho math ri aithris air cò ris am bu chòir dhan bhall a bhith coltach agus cò ris nach bu chòir dha/dhi a bhith coltach.

Am BPA a thog sgoilearan Bhaile Dhubhthaich

An uair sin, chaidh na sgoilearan air turas treòraichte air feadh an togalach tro mheadhan na Gàidhlig.

Ma tha an sgoil, colaiste no buidheann agaibh ag iarraidh seisean tron Ghàidhlig no seisean dà-chànanach anns a’ Phàrlamaid no anns a’ choimhearsnachd agaibh fhèin, leig fios gu education@scottish.parliament.uk

Alasdair

3 thoughts on “Muinntir Bhaile Dhubhthaich a’ togail am BPA fhèin #gaidhlig #highlandcouncil #foghlam

  1. Tapadh leat @seaboardgaelic. Tha thu glè cheart. ‘S e mearachd ghorach a bha sin agus ’s e mi fhèin is coireach. Cuiridh mi sin ceart anns a’ phost thùsail a-nis. Taing airson ar cumail ceart agus airson a bhith a’ leughadh a’ bhloga! Aladair

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s