Taigh an Ròid a’ chiad Phàrlamaid riamh gus taisbeanadh le Andy Warhol a chumail


Don chiad uair aig Pàrlamaid sam bith, tha Pàrlamaid na h-Alba gus taisbeanadh de bharrachd is dà fhichead saothair-ealain le Andy Warhol a chumail, is e a-mach air cumhachd is poilitigs.

A’ gabhail a-steach saothair-sgàilein Andy Warhol Samhain 22 1963 mu mhurt Iain F. Cheanadaich agus an dealbh leis de dh’fhear-carthannais na h-Alba is America Andrew Carnegie, thathar air an taisbeanadh a thaghadh gu cùramach gus a nochdadh aig a’ Phàrlamaid agus tha mòran den t-saothair ga sealltainn ann an Alba don chiad uair.

Thèid an taisbeanadh a chumail aig Taigh an Ròid bho Dhihaoine 4 Dàmhair gu Didòmhnaich 3 Samhain, nuair a bhios ‘Andrew Carnegie International Legacy: Shaping the Future’ ga ruith aig Pàrlamaid na h-Alba’.

Briog air a’ cheangal seo airson barrachd fiosrachaidh.

Oifigear Gàidhlig