Foghlam: Latha na Pàrlamaid anns na h-Eileanan Siar #gaidhlig


Buinidh a’ Phàrlamaid do dh’Alba air fad agus chan ann dìreach do mheadhan na dùthcha.

IMGP0623

Is e seo am beachd a tha an t-Oifigear Riaghlaidh ag iarraidh nochdadh gu mòr tro shreath thachartasan air an cumail air feadh na h-Alba air a bheil ‘Làithean na Pàrlamaid’. Tha e mar amas aig Latha na Pàrlamaid a’ Phàrlamaid a thoirt a-mach à Dùn Èideann. Leigidh e le daoine sealltainn air a’ Phàrlamaid ag obair, biodh e ri gnothach ‘oifigeil’ na Pàrlamaid no aig ìre gun a bhith cho foirmeil.

Air a’ mhìos seo, chaidh a’ Phàrlamaid gu na h-Eileanan Siar gus an fheadhainn a tha a’ fuireach ann a bhrosnachadh gus a dhol an sàs ann an obair na Pàrlamaid aca. Nam measg seo bha buidheann òg à Comhairle Òigridh Bharraigh a thug fianais do Chomataidh nan Athchuingean Poblach mun athchuinge a chuir iad a-steach mu chothrom air Wi-Fi air na bàtaichean gu lèir aig CalMac.

IMGP0631

A bharrachd air seo, bha mi ag obrachadh leis na comhairlean-òigridh gu lèir air feadh nan Eilean Siar agus an sàs anns na seiseanan-foghlaim aca ann an Steòrnabhagh, mar leudachadh air obair Latha na Pàrlamaid. Am measg nam buidhnean an sàs ann bha Comhairle Òigridh Bharraigh, Guth Òigridh Uibhist agus Òigridh Leòdhais an Gnìomh.

IMGP0623

An dèidh seisean-ullachaidh a chumail san fheasgar le Comhairle Òigridh na Hearadh, chùm iad a’ chiad seisean-foghlaim aca le geamaichean is cur-seachadan a chruthaich iad leithid mìrean-measgaichte nam Ball agus ‘Crochadair na Comhairle’ – a bha math dha-rìribh mar dhòigh gus cuideachadh ris na buidhnean gus faighinn a-mach cò bha gan riochdachadh, a rèir nam beachd a fhuaireadh air ais. Bha deasbad ann cuideachd air na ceistean ionadail aca agus na bha comhairlean-òigridh a’ ciallachadh dhan a h-uile duine aca.
An dèidh seo bha seisean fiosrachail is eadar-ghnìomhach eile a chùm Comhairle Òigridh Bharraigh a bhruidhinn mun obair a rinn iad agus a thug sinn tro mhodh-obrachaidh na h-athchuinge aca. Bha tòrr chur-seachadan beothail ann cuideachd, nam measg na daoine òga a’ dol ann an càraidean agus an uair sin ann am buidhnean beaga le grèim air gàirdeanan a chèile chun an làir agus seasamh suas a-rithist an uair sin – chan eil e cho soirbh is a shaoileadh agus bha tòrr fealla-dhà ann air sàillibh seo!

IMGP0504
Bha na seiseanan nan dòigh neo-fhoirmeil is aotrom gus crìoch a thoirt air ceangal nam buidhnean ri clàr Làithean na Pàrlamaid nuair a rinn iad frithealadh cuideachd air coinneamh le Comataidh nan Athchuingean Poblach, seisean-ceasnachaidh le sianar Bhall agus fàilteachadh a chùm a’ Phàrlamaid. A bharrachd air a bhith a’ cur ri mothachadh mun Phàrlamaid, bha cothrom ainneamh aig na buidhnean tighinn còmhla agus beachdan a nochdadh air na ceistean a bhios a’ bualadh air na sgìrean aca fhèin, le signal nam fònaichean-làimhe agus griotadh nan rathaidean am measg nan ceist a bha aca is a bha orra.

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air Latha na Pàrlamaid no air Clàr-foghlaim na Pàrlamaid, nach cuir sibh fios gu Frances aig frances.culpin@scottish.parliament.uk

Frances