Siorrachd Air an Ear – C’ est fantastique! #gaidhlig #francais


Thadhail Willie Coffey BPA agus luchd-obrach comataidh air dà sgoil ann an Siorrachd Air an Ear far a bheil Fraingis ga theagasg Dihaoine 8 Màrt mar phàirt de rannsachadh Comataidh na h-Eòrpa is nan Dàimhean a-Muigh air teagasg chànanan ann am bun-sgoiltean.

Buidheann fhòcas, Bun-sgoil Kilmaurs

Buidheann fhòcas, Bun-sgoil Kilmaurs

Bhruidhinn e ri ceannardan, luchd-obrach is pàrantan ann am Bun-sgoil Dhairbheal an tòiseach agus chunnaic e leasan aig Clas 7. An uair sin, bha deasbad ann eadar na sgoilearan air cia mheud cànan a bu chòir sgoilearan ionnsachadh is carson. Am measg nam molaidhean, bha Spànnais, Sìnis agus Portagalais a bharrachd air Frangais. An uair sin, thadhail e air Bun-sgoil Kilmaurs far am faca e Clas 4 a bha ag ionnsachadh na Fraingis tro gheamannan agus PE am measg dhòighean eile.

Às dèidh seo, bha cothrom bruidhinn ri buidheann fòcas bhon chlas agus chuala e am beachdan air cànainean – dè na cànanan a bha iad airson ionnsachadh, carson agus cia mheud cànan am measg eile. A bharrachd air an Fhrangais, bha ùidh aig na sgoilearan san t-Sinis agus san t-Seapanais.

Anns an còmhradh aige leis na ceannardan sgoile, chuala Mgr Coffey mu na prìomh cheistean a th’ aig sgoiltean is ùghdarrasan ionadail mu theagasg chànanan: trèanadh, cho làn sa tha an curriculum, leantainneachd eadar bun-sgoil is àrd-sgoil agus eile. Bha iad cuideachd a’ bruidhinn air dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg, air a’ bheachd a th’ aig cuid nach robh feum air cànan sam bith seach Beurla agus air a’ bheachd a tha cumanta gu bheil e uamhasach doirbh cànanan ionnsachadh

Bidh a’ Chomataidh a’ cumail co-labhairt aig deireadh an rannsachaidh Dihaoine 10 Cèitean. Bidh luchd-pàrlamaideach agus daoine a tha an sàs ann an ionnsachadh is teagasg cànain a’ tighinn còmhla aig a’ cho-labhairt gus beachdachadh air prìomh cho-dhùnaidhean an rannsachaidh mus tèid na molaidhean deireannach aca fhoillseachadh.

Bu chòir duine sam bith a tha airson tighinn dhan cho-labhairt fios a chur dhan chomataidh tro phost-d: (Languages.inquiry@scottish.parliament.uk) no air a’ fòn: 0131 348 5191.

Airson barrachd fiosrachadh mun rannsachadh, faic duilleagan na comataidh.

Tha an fhianais sgrìobhte a fhuaireadh rè an rannsachaidh a-nis ri fhaighinn air loidhne cuideachd (PDF).

Alasdair MacCaluim
Alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk