Turas gu na h-Eileanan Siar gus Obair le Daoine Òga ro Latha na Pàrlamaid #gaidhlig


Bha togail mhòr agam ri bhith ag obair le daoine òga an dà chuid ann am Barraigh is anns na Hearadh thairis air an deireadh-sheachdain. Bha mi gus trèanadh a thoirt do na buidhnean air comas-foghlaim sheisean agus mar a làimhsichear seisean-buidhne. Bha na buidhnean air an dèanamh suas air a’ chuid a bu mhotha de dhaoine òga a tha an sàs ann an Comhairlean-òigridh sna h-Eileanan Siar agus bha an trèanadh gus taic a thoirt dhaibh gus na seiseanan aca fhèin a thaobh mar a dh’fhaodas daoine òga dol an sàs ann an obair na Pàrlamaid a chur air dòigh.

Graffitti Wall

Bidh daoine òga às na h-Eilean Siar gu lèir a’ cruinneachadh airson Latha na Pàrlamaid nuair a thèid a chumail ann an Steòrnabhagh Dihaoine 15 Màrt. Tha an dà bhuidhinn seo air aontachadh seiseanan a thoirt do dhaoine òga eile a’ dol ann mar chuid de ghnothaichean Latha na Pàrlamaid.

Sin mise ma-thà a’ feitheamh gus fàgail ann am port-adhair Ghlaschu Diardaoin a chaidh, a’ sealltainn air dealbhan brèagha de dh’eileanan na h-Alba agus làn dùil a bhith ag obair le buidheann mhòr de 19 de dhaoine òga ann am Barraigh am feasgar sin. Bha feadhainn leis a bheil mi ag obair air a bhith a-mach air cho mìorbhaileach agus a tha an turas-adhair agus cho àlainn is a tha an t-eilean agus bha togail agam ri bhith a’ laighe air an tràigh agus a’ cur mo choise a-mach air a’ ghaineamh. Dh’fhalbh an togail seo gu luath, ge-tà, nuair a chaidh an naidheachd a sgapadh gun robh tursan-adhair eile air a bhith air an cur dheth.

Thuirt fear leis an robh mi a’ siubhal gun rachadh an turas air adhart – bha e air bruidhinn ri cuideigin anns an eilean agus b’ e sin an aon fhiosrachadh sam faodte earbsa a chur. Nochd cuideigin eile is cha tuirt e ach:
“Tha e cho tiugh ri cluasan laogh ann am Barraigh.”

Seadh, cha robh e a’ sealltainn math. Fhuair mi fòn an uair sin bho Cheitidh, ceannard na buidhne a chuireas taic ri daoine òga ann am Barraigh, ag innse dhomh gun robh iad ag ràdh san eilean gun deach na tursan a chur dheth air sàilleabh a’ cheò. Chaidh am fios seo a chur thugainn ann an Glaschu leth na h-uarach an dèidh làimhe. Bha na h-uidhir de bhriseadh-dùil orm nach d’fhuair mi air obrachadh leis na daoine òga agus a dh’aindeoin gun d’rinn mi sgrùdadh air na roghainnean eile air fad nach b’ urrainn dhomh a bhith còmhla riutha ro Latha na Pàrlamaid.

Agus mi ag iarraidh gu daingeann talamh fhàgail an dèidh a bhith a’ feitheamh fad seachd uairean a thìde, chuir mi romham dol gu Steòrnabhagh am feasgar sin, a’ lùghdachadh a’ chunnairt nach dèanainn a’ chùis air sin a thoirt a-mach a bharrachd!

An làrna-mhàireach bha Karen, an t-oibriche-òigridh ann an Leòdhas is anns na Hearadh, cho coibhneil agus mo thoirt bho Steòrnabhagh dhan Tairbeart, a’ lùbadh mun cuairt nan lochan is nam monaidhean tro chuid den dreach-tìre as bòidhiche a chunnaic mi riamh (air a dhèanamh na bu bhrèagha buileach leis na speuran gruamach) gus an tug sinn a-mach an ceann-uidhe againn.

Bha fios agam gun robh an seisean-trèanaidh seo gu bhith na dhùbhlan bho nach robh againn ach na bu lugha na trì uairean a thìde gus mòran de dh’fhios, de sgilean is de chur-seachadan mu obrachadh le seisean a thoirt a-steach – ach bha mi ga iarraidh gu mòr agus toilichte gun robh plana luath agam air a shon – mar a bha mi an dòchas co-dhiù.

Bha a’ bhuidheann math dha-rìribh, ge-tà, agus chuir iad an cuid oidhirpean gu lèir anns an trèanadh a dh’aindeoin gun robh iad dìreach air tighinn bhon sgoil feasgar Dihaoine agus bha feadhainn dhiubh fiù’s a’ frithealadh air tachartas gus airgead a thogail dìreach na dhèidh.

Peer Facilitator Profile

An dèidh troimh-a-chèile de ghluasad rudan a-null is a-nall, de sgrìobhadh sìos rudan, de dhealbhadh ball-graffiti agus a’ carachadh àirneis ri linn a’ ghèama ‘Fruit Salad’, tha fios agam gu bheil na h-uidhir de mhisneachd aig a’ bhuidhinn na seiseanan aca fhèin a dhealbhadh is a lìbhrigeadh. Rinn sinn deasbad mun eòlas a bhios a dhìth air Neach-stiùiridh, cuid a dhòighean gus cnapan-starra a dh’fhaodadh nochdadh a shàrachadh, cho cudromach agus a tha eòlas air conaltradh agus air a bhith ag obair còmhla.

Bha ùine againn gus a’ bhuidheann a roinn na dà leth agus seisean beag bìodach a thoirt seachad, rud a shoirbhich gu math leotha nuair a smaoineachas tu nach robh aca ach cairteal na h-uarach gus ullachadh! Dh’ionnsaich mi tòrr mu Hiort ri linn seo agus mun a h-uile fios a dh’fheumas a bhith aig neach-turais a’ tilleadh do na h-Eileanan Siar. Fhuair mi a-mach cuideachd gu dè na ceistean ionadail a tha ann do dhaoine òga san sgìre agus cò bhios gan riochdachadh anns an eilean.
Tha togail agam ri bhith ag obair leis an dà bhuidhinn an ceann seachdain no dhà!

Frances Culpin

frances.culpin@scottish.parliament.uk