Parlamaid na h-Alba sna h-Eileanan Siar #gaidhlig


 

Chùm Seirbheis Ruigsinn na Pàrlamaid seiseanan sònraichte le sgoilearan BS6 is 7 agus AS1 is 2 ann an Sgoil Sir E Scott anns na Hearadh an-dè. Bha na seiseanan a’ coimhead air obair comataidh nan athchuingean poblach a tha gu bhith a’ cumail coinneamh ann an Steòrnabhagh Dihaoine 15 Màrt.

An-diugh, tha an Oifigear Foghlam a-muigh againn, Mairead NicEachairne, ann am Beinn na Faoghla agus i a’ bruidhinn ri sgoilearan AS1, 2 is 3 ann an Sgoil Lionacleit.

A-màireach, bidh i ann an Leòdhas, ag obrachadh le clasaichean ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail agus Dihaoine bidh i ag obair le Bun-sgoil Stèornabhaigh.

nicolson institute

 

Cara Slater

Manaidsear Foghlaim a-muigh

cara.slater@scottish.parliament.uk