Beachdan fhathast gan sireadh air cànanan sa bhun-sgoil #gaidhlig


Tha cothrom eile agad do bheachdan a chur a-steach air dè na cànainean a bu chòir a bhith air an teagasg ann am Bun-sgoiltean na h-Alba. Ged a bha an ceann-latha mu dheireadh ann an t-seachdain sa chaidh, tha Comataidh na h-Eòrpa air an rannsachadh a leudachadh chun an latha an-diugh is mar sin, tha cothrom eile agad do bheachdan a chur a-steach an-diugh.

Buill den Chomataidh ann an sgoil far a bheil Spanais ga teagasg

Sgoil Naomh Ealasaid, Hamaltan far a bheil Spannais ga teagasg.

Am measg rudan eile, tha iad airson cluinntinn dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg ann am bun-sgoiltean na h-Alba is carson.

Ma tha thu a’ leughadh seo, feumaidh co-dhiù dà chànan a bhith agad agus mar sin, is cinnteach gum bi beachd no dha agad ri cur ris an rannsachadh!

Tha a’ chomataidh a’ sireadh bheachdan air dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg ann am bun-sgoiltean na h-Alba. Faodaidh tu beachd luath a chur air Twitter (@ScotParl no @ParlAlba agus/no leis an taga #langsinq) no air Facebook air dè na cànanan a bu chòir a bhith air an teagasg leis an taga #langsinq no faodaidh tu freagairt nas fhaide is nas mionaidiche a chur dhan chomataidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho làrach-lìn an rannsachaidh.

Facebook

Tapadh leat, merci, danke, gracias, grazie, meur ras, go raibh maith agaibh, dankon, gura mie ayd agus mar sin air adhart!

Alasdair