Coinneamhan Coimhearsnachd sna h-Eileanan Siar #gaidhlig


Mar phàirt den obair againn air thoiseach air an dàrna Latha Pàrlamaid againn, bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ cumail sreath de choinneamhan poblach air feadh nan Eilean Siar anns a’ Ghearran.

Bileag mu na tachartasan coimhearsnachd sna h-Eileanan Siar

Bidh na seiseanan fiosrachaidh seo saor ’s an asgaidh agus bheirear sùil annta air mar a bhios a’ Phàrlamaid ag obair agus mar a dh’fhaodadh duine sam bith pàirt a ghabhail anns an obair aice. Gheibhear fiosrachadh mu chùrsa nan athchuingean poblach (public petitions) a bheir cothrom do dhaoine air feadh na h-Alba athchuinge a chur ri chèile ’s a thoirt a-steach don Phàrlamaid aca a’ togail cùisean anns a bheil an ùidh.

Bidh na seiseanan gu h-ìosal gan cumail:

Dimàirt 12 Gearran

Barraigh – Taigh-òsda Bhagh a’ Chaisteil

4f. – 6f. agus a-rithist aig 6.30f – 8.30f.

Diciadain 13 Gearran

Beinn nam Faoghla – Taigh-òsda an Eilein Doirch (Dark Island Hotel), Lionacleit

4f. – 6f. agus a-rithist aig 6.30f. – 8.30f.

Diardaoin 14 Gearran

An Tairbeart – Taigh-òsda na Hearadh

3f. – 5f. agus a-rithist aig 6f. – 8f.

Dihaoine 15 Gearran

Steòrnabhagh – Taigh-òsda a’ Chalaidh (Caladh Inn), Sràid Sheumais

3f. – 5f. agus a-rithist aig 6f. – 8f.

Airson barrachd fiosrachadh mu gach seisean no gus àite a chur dòigh cuir fios gu Paul Anderson air 0131 3485357 no le post-d gu: paul.anderson@scottish.parliament.uk.

Marc