A’ Phàrlamaid aig an Nollaig #gaidhlig #gaelic #nollaig


Bidh Pàrlamaid na h-Alba na fosadh eadar Disathairne 21 Dùbhlachd is Diluain 6 Faoilleach 2013.

Seo teachdaireachd Nollaig bhideo bhon Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA.

Ged nach bi gnothaichean na Pàrlamaid a’ dol air adhart, bidh cothrom agad tadhal air an togalach no fios a chur do na BPA agaibh fhathast.

Airson fios mu na h-uairean fosglaidh againn aig àm na Nollaig is na bliadhna ùir, faic ar làrach-lìn.

Am-bliadhna, tha craobh Nollaig shònraichte sa Phàrlamaid anns an Talla Mhòr. Chan e giuthas a th’ ann idir ach araucaria araucana. Cha b’ urrainn dhomh Gàidhlig a lorg air ach ann an Gàidhlig na h-Èireann, ‘s e crann arócair a th’ ann no, sa Bheurla, Monkey Puzzle tree!

Seo dealbh dhith den “chraobh aròcair” againn!

An dòchas gum bi Nollaig chridheil is bliadhna mhath ùr agaibh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk