Gàidhlig gu leòr sa Phàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Bha sinn gu math trang sa Phàrlamaid bho chionn dà sheachdain nuair a chùm sinn dà latha de thachartasan Gàidhlig.

Air 28/9/12, chùm sin seiminear do buidhnean poblach is buidhnean Gàidhlig mu Gàidhlig, teicneolas is na meadhanan sòisealta.

Bha an latha gu math feumail agus inntinneach agus bha deagh shluagh an làthair airson èisteachd ri taisbeanaidhean bho Mhìcheal Bauer, stiùiriche Akerbeltz agus Alison Lang aig Clì Gàidhlig am measg eile. Bidh sinn a’ cur post eile suas a dh’aithghearr leis na taisbeanaidhean is fios bho na bùithtean obrach.

 

Mìcheal Bauer agus e a’ bruidhinn aig an t-seiminear

Sgrìobh Seumaidh Uallas, a ghabh pàirt san tachartas pìos sa bhog aige mun latha.

Diardaoin 29 Samhain, chùm sin seiseanan “buail a-steach” do luchd-ionnsachaidh agus bha deagh shluagh an làthair. A bharrachd air sin, thadhail ar càirdean à Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann oirnn. Na dìochuimhnich gu bheil sinn daonnan deònach tursan Gàidhlig a chur air dòigh do bhuidhnean Gàidhlig.

Comann Ceilteach Oithigh Dhùn Èideann ann am Pàrlamaid na h-Alba

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s