Latha Teaghlaich gu bhith aig Pàrlamaid na h-Alba, 1/12/12 #gaidhlig #tachartas #sp4


Tha Latha Teaghlaich gu bhith aig Pàrlamaid na h-Alba Disathairne 1 Dùbhlachd eadar 10:00 agus 17:00 gus Latha Fèill Anndrais a chomharrachadh.

Dealbh de bhileig mu latha an teaghlaich

Bileag mu latha an teaghlaich

Thèid diofar tachartasan an-asgaidh a chumail do theaghlaichean is luchd-tadhail. Ionnsaich barrachd mun tachartas anns a’ bhileig againn (Gàidhlig – pdf).

Am measg nan rudan a bhios a’ tachairt, tha Deasbad Latha Fèill Anndrais, tursan treòraichte agus tòrr tachartasan saidheansail.

Deagh latha dhan teaghlach air fad!

Alasdair