Plana Gàidhlig – tapadh leibhse! #gaidhlig #gaelic #sp4


Tha an obair cho-chomhairleachaidh air dreach Phlana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a-nis air tighinn gu crìch.

Soidhne dà-chànanach, Taigh an Droma, Schd Pheairt

Soidhne dà-chànanach, Taigh an Droma, Schd Pheairt

Fhuair sin deagh thoradh – tòrr mòr freagairtean à air feadh na h-Alba, mun dàrna leth aca sgrìobhte anns a’ Ghàidhlig – le gu leòr beachdan is molaidhean nan lùib.

Taing mhòr dhan a h-uile duine a sgrìobh a-steach.

Tha sinn a-nis a’ sgrùdadh nam freagairtean agus ag ullachadh aithris gu Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba. Cumaidh sinn fiosrachadh ruibh mu adhartas a’ phlana tron bhlog agus tro làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk