Sùilean air Steòrnabhagh – Dàrna Latha na Pàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Thèid an dàrna ‘Latha na Pàrlamaid’ aig Pàrlamaid na h-Alba a chumail ann an Steòrnabhagh (15 Màrt 2013).

Bidh an iomairt ùr ‘Latha na Pàrlamaid’ a’ toirt obair Pàrlamaid na h-Alba agus an luchd-phoilitigs aice a-steach ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Aig an dàrna ‘Latha na Pàrlamaid’ bidh coinneamh le Comataidh nan Athchuingean Poblach (Public Petitions) aig Pàrlamaid na h-Alba agus coinneamhan le buidhnean ionadail agus cuairtean gu sgoiltean ionadail.

Soidhne Gàidhlig,Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais

Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA agus i a’ cur an cèill an t-àite airson an dàrna ‘Latha na Pàrlamaid’:

‘Tha an iomairt Latha na Pàrlamaid a’ toirt obair na Pàrlamaid a-steach gu cridhe choimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Tha e na chothrom dha-rìribh do dhaoine aig gach aois barrachd ionnsachadh mu obair na Pàrlamaid aca agus a bhith ga faicinn is i ag obair.

“Sheall mar a shoirbhich a’ chiad Latha na Pàrlamaid ann an Hamhaig toil muinntir na h-Alba ceangal a dhèanamh ri Taigh an Ròid far a bheil iad a’ fuireach agus ag obair. Tha togail agam ri bhith a’ tadhal air Steòrnabhagh nuair a bheir sinn a’ Phàrlamaid gu muinntir nan Eilean Siar.”

An t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA le Dàibhidh Stiubhart BPA

Thuirt Neach-gairm Chomataidh nan Athchuingean Poblach, Dàibhidh Stiùbhart BPA:

“Chan eil ann an Comataidh nan Athchuingean Poblach ach aon dòigh sam faod daoine à Alba gu lèir dol an sàs anns a’ Phàrlamaid. Tha e cudromach gun sìn na Comataidhean a-mach gu Alba air fad agus tha mi cho toilichte gum bi sinn a’ coinneachadh anns na h-Eilean Siar airson a’ chiad turais.”

Cùl-fhiosrachadh

Thèid barrachd fiosrachaidh mu na bhios a’ tachairt ann an Steòrnabhagh a chur an cèill sna seachdainean air thoiseach.

Chaidh ciad ‘Latha na Pàrlamaid’ a chumail Diluain 5 Samhain ann an Hamhaig le coinneamh fhoirmeil aig Comataidh an Ionmhais, cuairt air sgoiltean ionadail le Buill agus caochladh choinneamhan leis an Oifigear Riaghlaidh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s