Taigh an Ròid ann an Hamhaig an-diugh


Tha a’ chiad Latha Pàrlamaid ga chumail ann an Hamhaig an-diugh far am bi latha trang ann leis an Oifigear Riaghlaidh a’ tadhal air buidhnean ionadail, BPA a’ tadhal air sgoiltean agus bùth-obrach is coinneamh fhoirmeil de Chomataidh an Ionmhais gan cumail.

A’ bruidhinn ron chuairt, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Is e deagh àite a tha ann an Hamhaig airson tòiseachadh air ar n-iomairt Latha na Pàrlamaid. Is e fìor àite tarraingeach a th’ann an Cridhe Hamhaig airson mòran de na tachartasan againn agus tha mi’n dòchas gun toir na tachartasan a tha sinn air a dhealbhadh misneachd dha muinntir Hamhaig a bhith an sàs agus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid.

“Bheir Latha na Pàrlamaid cothrom dha daoine ionadail ‘dealbh goirid’ fhaighinn dhaibh fhèin air obair is gnìomhachd na Pàrlamaid. Leigidh e le daoine coinneachadh ri BPA is ceistean a chur orra a thaobh na laghan agus na cuspairean a bhios a’ toirt buaidh orra.”

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA:

“Tha e na mhòr thoileachas dhuinn a bhith mar phàirt den chiad Latha Pàrlamaid. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach a bhith an sàs le sgoilearan agus muinntir Hamhaig anns an sgrùdadh a tha sinn a’ dèanamh air dreachd buidseit Riaghaltas na h-Alba. Is ann air sgàth sin a tha Comataidh an Ionmhais an sàs anns a h-uile cuspair eadar gnìomhan foghlaim air buidseit fochaideach, seisean C&F le sgoilearan, agus gu dearbh, na 21 buidhnean ionadail a tha a’ gabhail pàirt anns na bùthan-obrach againn a bhrosnaicheas ceistean a thèid a chur gu dìreach air Iain Swinney, Rùnaire a’ Chabineit airson Ionmhas, Cosnadh is Fàs Seasmhach.”

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig