Gàidhlig sa Phàrlamaid – an cothrom mu dheireadh agad #gaidhlig #gaelic


Tha an obair cho-chomhairleachaidh againn air dreachd Phlana Gàidhlig Buidheann Chorporra na Pàrlamaid a’ tighinn gu crìch 04/11/12.

Soidhne dà-chànanach

Seo an cothrom mu dheireadh agad buaidh a thoirt air ar plana. Bu fhìor mhath leinn do bheachdan a chluinntinn. Tha foirm air loidhne ann a tha furasta a lionadh. Gheibhear am plana agus am foirm air ar làrach-lìn.

Faodar cuideachd beachdan a chur a-steach sa Bheurla.

No faodar beachdan a chur thugainn tron phost-d aig gaidhlig@scottish.parliament.uk.

Alasdair