Coimhearsnachdan còmhla sa Phàrlamaid #gaidhlig #gaelic #CoCo4


Chaidh Co-labhairt nan Coimhearsnachdan (#CoCo4) a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Disathairne sa chaidh. B’ e tiotal na co-labhairt “A’ tuigsinn agus a’ toirt buaidh air do Phàrlamaid”.

B’e amas an latha buidhnean coimhearsnachd à air feadh na h-Alba a thoirt còmhla gus an cuideachadh le bhith a’ gabhail pàirt ann an obair na Pàrlamaid. Bha cha mhòr 200 duine an làthair à diofar bhuidhnean agus coimhearsnachdan a air feadh na dùthcha.

Am measg nan cuspairean air an robh a’ cho-labhairt a’ coimhead, bha:  athchuingean poblach, ag obair le BPA, taisbeanaidhean is tachartasan agus na meadhanan sòisealta.

Faodar coimhead air fosgladh na co-labhairt anns an t-seòmar air bhideo air ar làrach-lìn agus chithear gu leòr de na dealbhan bhon latha cuideachd.

Anns a’ bhideo, chithear seisean seòmar na maidne le fàilte bhon Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA, òraid mu bhith a’ gabhail pàirt sa Phàrlamaid le Rosemary Everett, ceannard na Sgioba Ruigsinn ann am Pàrlamaid na h-Alba agus prìomh òraid o Luisa Palmegiani aig Rathbone UK.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk