An t-Oifigear Riaghlaidh a’ cur fàilte air coimhearsnachdan na h-Alba #gaidhlig #gaelic


Bidh Co-labhairt nan Coimhearsnachdan a’ gabhail àite a-màireach ann am Pàrlamaid na h-Alba.  

Seo fios naidheachd mu dheidhinn. Agus ma tha thu gu bhith a’ dol ann, bu fhìor mhath leinn ur beachdan a chluinntinn air an latha!

An t-Oifigear Riaghlaidh air fàilte a chur air coimhearsnachdan na h-Alba gu Taigh an Ròid

 

Tricia Marwick BPA, an t-Oifigear Riaghlaidh

Tricia Marwick BPA, an t-Oifigear Riaghlaidh

Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA, air fàilte chridheil a chur air buidhnean coimhearsnachd à Alba gu lèir ron cheathramh Cho-labhairt mu Choimhearsnachdan aig a’ Phàrlamaid Disathairne (27 Dàmhair).

 Tha e mar amas aig a’ cho-labhairt cuideachadh ri buidhnean ionadail barrachd a thuigsinn mun Phàrlamaid agus mar a dh’fhaodar ceangal a dhèanamh rithe. Thig còrr is 120 buidhnean beaga saor-thoileach, comainn chatharra agus buidhnean-gnìomha ionadail nach bi eòlach is dòcha air a bhith a’ toirt an cuid iomairtean don Phàrlamaid gu Taigh an Ròid airson an latha.

 Còmhla ris an Oifigear-riaghlaidh bidh na Buill eile Sandra Whyte, Jenny Marra, Cailean Beattie, Stiùbhart Maxwell, Margo NicDhòmhnaill agus Murchadh Friseal. Seallaidh buidhnean-obrach air comataidhean, obair nam Ball, athchuingean, buidhnean tar-phartaidh, cleachdadh lìonraidhean sòisealta agus na meadhanan.

Agus i a’ labhairt air thoiseach air gnothaichean, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

 “Le còrr is 120 de riochdairean à Alba gu lèir, tha a’ Cho-labhairt seo na cothrom dha-rìribh do bhuidhnean ionadail coinneachadh, ionnsachadh bho chàch-a-chèile agus faighinn a-mach mar a bheirear cluas ri claisneachd dhaibh aig Taigh an Ròid.

“Bheir i, tha mi an dòchas, an dìomhaireachd air falbh bhon mhodh-obrachaidh poilitigeach a bheir do bhuidhnean beaga ionadail eòlas, acfhainn agus misneachd gus buaidh a thoirt air na bhios a’ tachairt an dà chuid aig Taigh an Ròid agus anns na coimhearsnachdan ionadail aca.” 

Tha a’ cho-labhairt mar phàirt den rùn leanmhainneach aig a’ Phàrlamaid ceangal a dhèanamh ri muinntir na h-Alba gu lèir. A bharrachd air a bhith a’ cur fàilte air daoine gu Taigh an Ròid, bidh a’ Phàrlamaid cuideachd a’ dol a-mach gu coimhearsnachdan agus air 5 Samhain, bidh a’ Phàrlamaid a’ tadhal air Hamhaig don chiad Latha Pàrlamaid riamh aice. Tha seo a’ gabhail a-steach tadhal air sgoiltean, coinneamh aig Comataidh an Ionmhais agus sreath cheanglaichean le buidhnean-coimhearsnachd. An-uiridh thadhail mu 12,000 de chlann-sgoile air Taigh an Ròid agus thadhail luchd-obrach bhon Phàrlamaid air 300 de sgoiltean.

Thèid an seisean làn san t-Seòmar a chraoladh beò air an Lìon air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig 10.30f. Faodaidh luchd-leanmhainn truitrich sùil a chumail air naidheachdan na co-labhairt le bhith a’ cleachdadh #CoCo4

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk