Gàidhlig is na meadhanan sòisealta #gaidhlig #gaelic #smwglaschu2012


Ghabh mi pàirt ann an tachartas inntinneach mar phàirt de Sheachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu bho chionn dà sheachdain.

Bha mi air panal a bha a’ deasbad àite na Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta còmhla ri Alison Lang, Gavin Mac a’ Ghobhainn, Seòras Costford, Gillian Dick agus Jamie Wallace.

Am measg rudan eile, choimhead sinn air cùisean mar:

  • Carson nach bi barrachd dhaoine aig a bheil Gàidhlig a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta anns a’ Ghàidhlig – gu h-àraid daoine a tha uamhasach làidir a thaobh a bhith ga bruidhinn agus ga sgrìobadh ann an suidheachaidhean eile? Saoil am bi barrachd dhaoine a’ cur cunntasan fa leth air dòigh dhaibh fhèin san àm ri teachd – Gàidhlig is Beurla?
  • Gu bheil cuid de dhaoine airson’s gum bi an cuid Gàidhlig cho ceart sa ghabhas mus sgrìobh iad air loidhne i agus gun robh seo a’ cur bacadh air cleachdadh na Gàidhlig am measg nam meadhanan sòisealta. Bha faireachdainn làidir am measg nan daoine a bha an làthair gur b’ fheàrr leotha “Gàidhlig bhriste na Gàidhlig na ciste” agus nach biodh mearachdan gràmair no litreachaidh a’ cur cus dragh air daoine.
  • Am bu chòir lìonraidhean is aplacaidean (applications) is prògraman Gàidhlig fa leth a bhith ann no am bu chòir na prìomh lìonraidhean 7c a bhith rim faighinn sa Ghàidhlig. Bha a h-uile duine air a’ phanail den bheachd gun robh e na b’ fheàrr na prìomh ghoireasan a bhith rim faighinn sa Ghàidhlig seach a bhith a’ cruthachadh rudan fa leth dhan Ghàidhlig.
  • Dè seòrsa aplacaidean Gàidhlig a bhiodh feumail. ainmean-àite, faclairean, stuthan ionnsachaidh is mar sin air adhart.
  • Am bu chòir do na meadhanan sòisealta a bhith air an cleachdadh le sgoiltean Gàidhlig.
  • Mar as urrainn buidhnean poblach a bhith a’ cleachdadh meadhanan sòisealta airson a bhith nas fhaisg air a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Ma tha beachd agad fhèin air na ceistean mòra seo, no ma tha beachd no moladh sam bith agad air twitter (@ParlAlba) no blog na Pàrlamaid, na bi leisg am fàgail an seo!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliamlent.uk

One thought on “Gàidhlig is na meadhanan sòisealta #gaidhlig #gaelic #smwglaschu2012

  1. Tha mi gu mòr dhen bheachd gum bu choir na prìomh lìntean sòisealta a bha ri fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha Mìcheal Bauer air a bhith ag obair gu cruaidh air brasbhairean ’s WordPress ’s prògraman eile – agus sin gu saor-thoilleach. Cha bhiodh e a’ cosg mòran do BnaG eadar-theangachadh a chur air dòigh son FB ’s Twitter – fada nas lugha na chosg iad air mygaelic.com tha mi cinnteach!

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s