Bith-iomadachd ann an gàrradh na Pàrlamaid #gaidhlig #gaelic #ùaine


Dh’aithris sinn air ais anns a’ Mhàirt mun phrògram RACE – Real Action for Carbon Emmissions – taobh a-staigh na Pàrlamaid.

Seo am pios a sgrìobh sin.

Tha a’ Phàrlamaid ag obair còmhla ri Gàrraidhean Luibheanach Rìoghail (Royal Botanic Gardens) Dhùn Èideann air pròiseact gus flùraichean fiadhaich a chur ann an gàradh na Pàrlamaid agus ann an gàraidhean an luchd-obrach, a’ cleachdadh sìol a chruinnich na Gàrraidhean Luibheanach air Suidhe Artair le cead sònraichte.

Thug cuid den luchd-obrach sìol dhachaidh còmhla riutha sa Ghearran agus chuir iad fàs air flùraichean fiadhaich anns na gàrraidhean aca fhèin.

Bho chionn seachdain, bha an t-àm ann na lùsan a thoirt a-staigh dhan oifis is an cur ann an gàrraidhean na Pàrlamaid.

Seo dealbh no dhà a chaidh a thogail.

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Alasdair

One thought on “Bith-iomadachd ann an gàrradh na Pàrlamaid #gaidhlig #gaelic #ùaine

Tha na beachdan dùinte.