Latha na Pàrlamaid ann an Cridhe Hamhaig #gaidhlig #hawick


Bidh Crìdhe Hamhaig (ionad Heart of Hawick) mar dhachaigh do Phàrlamaid na h-Alba an ath mhìos agus Taigh an Ròid, mar gum biodh, a’ tadhail air a’ bhaile fad latha.

Thig luchd-poilitigs is luchd-obrach na Pàrlamaid gu Hamhaig ro làimh airson ‘Latha na Pàrlamaid’, a thèid a chumail airson a’ chiad uair air Diluain 5 An Samhain, ’s e a’ gabhail àite ann am Muileann an Tùir.

Talla a’ Bhaile, Hamhaig. Dealbh le Alexander Cunningham.

Agus i a’ labhairt mun cheum ùr seo, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

 “Tha mi air bhioran tadhail air Hamhaig airson ar ciad “Latha na Pàrlamaid”. Le coinneamh fhoirmeil Comataidh, prògram de chuairtean air sgoiltean agus sreath de choinneamhan ri buidhnean ionadail a’ gabhail àite aig an aon àm, bheir Latha na Pàrlamaid cothrom fìor mhath do mhuinntir Hamhaig a’ Phàrlamaid aca fhaicinn fo làn siùil.

“Tha a’ Phàrlamaid a’ riochdachadh muinntir uile na h-Alba agus bheir an obair a nì sinn buaidh air a h-uile neach, ’s mar sin tha sinn air ‘Làithean na Pàrlamaid’ a chur an teis-meadhain ar gnothaichean a thaobh a bhith a’ brosnachadh a’ phobail gus pàirt a ghabhail ri linn an t-seisein seo. Tha mi an dòchas gun toir muinntir Hamhaig tlachd às a’ chothrom seo barrachd fhaotainn a-mach mu na nì sinn aig Taigh an Ròid agus gum faigh iad tuilleadh eòlais air dè cho furasta ’s a tha e a bhith a’ dol an-sàs rinn.”

Coinneach Gibson BPA agus Tricia Marwick BPA

Ri linn tachartasan an latha, cumaidh Comataidh an Ionmhais coinneamh fhoirmeil chomataidh, far an dèan iad sgrùdadh air na tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh cosg is caitheamh. Frithealaidh grunn bhuidhnean ionadail, nam measg gnìomhachasan is buidhnean san treas earrann, air bùthan-obrach neo-fhoirmeil ro choinneamh na comataidh agus bidh cothrom aca am beachd a thoirt seachad air na tha san amharc aig an Riaghaltas a thaobh cosg. Bidh cothrom aig clann-sgoile an àite coimhead air coinneamh na Comataidh agus ceistean a chur air BPAan.

An Àrd-shràid, Hamhaig. Dealbh le Alexander Cunningham.

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:

“Is fìor thlachd dhuinn a bhith mar phàirt den chiad Latha na Pàrlamaid. Tha sinn an dòchas gun tig a h-uile duine, eadar buill a’ mhòir-shluaigh, buidhnean coimhearsnachd agus clann-sgoile, gus coimhead air comataidh na Pàrlamaid aca fhèin rin obair, gu sònraichte nuair a bhios i a’ toirt sùil air ciamar a thèid airgead poblach a chosg.

“Tha sinn a’ toirt cuireadh do ghrunn bhuidhnean ionadail agus ghnìomhachasan pàirt a ghabhail ann an seisean neo-fhoirmeil sa mhadainn de bhùthan-obrach cuide ri buill na comataidh. Nì sinn fiughair rim beachdan a chluinntinn.”

Thèid fàilte fhoirmeil a chur air an luchd-Pàrlamaid ’s air luchd-obrach na pàrlamaid gu Hamhaig air Didòmhnaich aig Neach-gairm Comhairle Crìochan na h-Alba, An Comhairliche Graham Garvie, aig tachartas cathrach leis an Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA agus Neach-gairm Comataidh an Ionmhais Coinneach Gibson os cionn na cùise. Ri linn seo bidh òigridh an àite a’ cur fàilte air na BPAan le taisbeanadh mu mar a chaidh dhaibh, agus bidh taisbeanadh fasain ann a chuireas tàlant sgoilearan Àrd-sgoil Hamhaig air spiris, cho math ris a’ chom-pàirteachas a th’ aig an sgoil ri gnìomhachasan ionadail.

Thuirt an Comhairliche Graham Garvie, Neach-gairm Comhairle Crìochan na h-Alba:

“‘Is onoir e a bhith a’ cumail Pàrlamaid na h-Alba ann an Hamhaig agus tha mise fìor thoilichte gur iad na Crìochan a chaidh a thaghadh mar a’ chiad cheàrnaidh ann an Alba gus leithid a thachartas eachdraidheil a chumail.

“‘S e deagh chothrom a th’ ann do mhuinntir nan Crìochan sealladh pearsanta fhaighinn air mar a tha poilitigs nàiseanta ag obair, agus tha mi an dòchas gum bi uiread ’s a ghabhas de dhaoine a’ dol an-sàs sa chùis.”

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk