Fosglaibh na dorsan! – Latha na Bàrdachd sona dhuibh! #gaidhlig #gaelic #nationalpoetryday


 

‘S e an an-diugh (04 Dàmhair) Latha Nàiseanta na Bàrdachd.

Tha ceangal làidir aig Pàrlamaid na h-Alba ri bàrdachd. Tha earrannan bàrdachd am measg na tha sgrìobhte air Balla a’ Chanongate aig Pàrlamaid na h-Alba.

 

Am measg a’ bhardachd air a’ bhalla, tha earrann le Deòrsa Mac Iain Dheòrsa.

“Is i Alba nan Gall’s nan Gaidheal is gàire is blàth is beatha dhomh”.

Faclan Dheòrsa Mhic Iain Dheòrsa air balla na Pàrlamaid

Nuair a dh’fhosgail togalach ùr Pàrlamaid na h-Alba ann an, chaidh dàin Open the Door sa sgrìobhadh le Makar na h-Alba, Edwin Morgan nach maireann. Dh’iarr sinn air Rody Gorman (@RodyGorman) Gàidhlig a chur air dhuinn – Fosglaibh na Dorsan!

Sgrìobh Makar ùr na h-Alba Liz Lochead dàn eile airson fosgladh na ceathramh seisein den Phàrlamaid an uiridh – Open agus dh’iarr sinn air Rody eadar-theangachadh eile a chur air dòigh.

 Seo na sgrìobh e:

 Fosglaibh

‘Fosglaibh na Dorsan’ a thuirt am Bàrd,
’s e a-mach air ‘a’ mhiann as dùrachdaiche againn’ –
gun tòisich an obair agaibh, Pàrlamaid na h-Alba,
is gun soillsich ‘solas na h-aigne’ a-mach
mar a shoillsich solas an latha ùir a-steach.

Cha robh cus dèidh aig na bàird air luchd-poilitigs riamh.
Bidh iad, mar as còir, teagmhach mu bhrataichean ’s mu shanasachd.

Chan e mìr den adhar ghorm agus bhòt air a tha ann an Crann na Brataich.
Nuair a rinn Burns tàir air na balgairean ud,

b’ e balgairean againn fhìn a bh’ annta, cuimhnichibh, anns an dùthaich againn fhìn.
Cha robh leisg air Morgan a bharrachd aoir a chur dheth – ro làimh

–dhuibh fhèin, a mhuinntir ùr na pàrlamaid againn.

 Thuirt e ribh gun a bhith nur ‘nead a dhaoine fo eagal’ no

nur ‘feachd luchd-sodail’ no

nur ‘coinneamh mhòr luchd-dàlach’.
Chuir e mar fhiachaibh oirbh, air ur beatha, gun

Cha b’ e mo choire-sa bh’ ann’ a ràdh a-chaoidh

–chan eil leisgeul sam bith ris ‘na briathran fada sin’!
Thug e tarraing air tòrr rudan Nach Robh idir ann

– agus Nach Eil – A Dhìth Oirnn. 

 

‘Dè tha na daoine ‘g iarraidh bhon àite?’ dh’fhaighnich e.
Freagairt: gum bi e ‘ga lìonadh le daoine ri beachdachadh

a tha cho fosgarra’ – seadh, fosgailte – ‘agus adhartach ris an altireachd na chois.’

 A-niste, ‘s e facal bòidheach a tha ann ‘Ceartas’
Ri ghràbhaladh air lorg-shuaicheantais
Mar a tha ‘s ‘Ionracas’ ‘Bàidh’
agus ‘Gliocas’ —
Beachdan mòra, buadhan ri bhith aig a h-uile
Neach-meòrachaidh den Phàrlamaid againn–
Ach os cionn nan uile: Fosgail-teachd.

Dè ‘n dòigh eile gus ainmear beachdail, ainm fhèin,

A dhèanamh na ghnìomhair – facal a?
Fosglaibh na cluasan agaibh, leigibh leis na daoine athchuinge is guth a thogail.
Ceartas, Gliocas, Bàidh, Ionracas?
Fosglaibh na sùilean agaibh – is faicibh.
Ionracas, Bàidh, Ceartas, Gliocas?
Fosglaibh ur cridhe – is biodh dòchas agaibh.
Fosglaibh ur n-inntinn – gus atharrachadh a thoirt.
Fosglaibh an ùine romhainn – bho nach deach a sgrìobhadh fhathast

–tha i cho Fosgailte ‘s a tha e cho fìor ‘s gun nochd i fhathast!
Ach dùinibh a’ bheàrn eadar na chanas sinn is na nì sinn.

Fosglaibh na dorsan.
Leig le obair na ceathramh Pàrlamaid seo tòiseachadh.
Leigibh le solas na h-aigne fosgailte deàrrsadh a-mach.
Leigear le solas soilleir an latha soillseachadh a-steach

Tha sinn air goireas foghlaim bàrdachd A’ Bhàrdachd agus a’ Phàrlamaid a chruthachadh cuideachd airson sgoiltean an dà-chuid sa Ghàidhilg agus sa Bheurla.

  

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s