Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh beachdan air a Plana Gàidhlig #gaidhlig #gaelic


Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh beachdan a’ phobaill air Plana Gàidhlig na Pàrlamaid 2013-2018.

Tha an dreachd phlana a’ toirt cunntas air mar a tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA), a’ buidheann a bhios a’ ruith na Pàrlamaid, gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig na seirbhisean, mar a chuireas i cleachdadh na Gàidhlig air chomas na h-obair chonaltraidh agus mar a dh’àrdaicheas agus a leasaicheas i a’ Ghàidhlig.

Thuirt Alasdair MacCaluim, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig na Pàrlamaid, “Tha BCPA ag aithneachadh gu bheil Gàidhlig na pàirt glè chudromach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba.

“Tha BCPA air structairean agus iomairtean freagarrach a chur an gnìomh, a bheireadh cothrom don bhuidhinn cuideachadh leis an obair a tha a’ dol air adhart air feadh na dùthcha, gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach anns an àm ri teachd.

“Thig am pròiseas co-chomhairleachaidh gu crìoch 4mh Samhain. Bhitheamaid toilichte beachdan sam bith a chluinntinn.”

Tha an dreachd phlana a’ cur an cèill gu bheil BCPA ag aithneachadh gum feum ùghdarrasan, eagrachaidhean, buidhnean-coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth oidhirp co-eagraichte a dhèanamh gus:

  • inbhe na Gàidhlig àrdachadh;
  • togail agus ionnsachadh na Gàidhlig a chur air adhart;
  • meudachadh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Is e seo an darna Plana Gàidhlig aig BPCA. Tha e air a bhith air ullachadh ann an co-rèir ris na slatan-tomhais reachdail a tha air an cur an cèill ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha am plana a’ cur cudrom sònraichte air an àireamh de dhaoine a tha cleachdadh seirbhisean Gàidhlig na Pàrlamaid àrdachadh. Tha e cuideachd a’ toirt sùil air mar a tha a’ Phàrlamaid a’ cleachdadh na Gàidhlig tro na meadhanan sòisealta.

Thèid na gealltanasan ionmhasail aig BPCA airson na Gàidhlig anns a’ phlana a choileanadh bho bhuidseatan a th’ ann cheana.

Gheibhear barrachd fiosrachadh mu dheidhinn a’ phlana agus foirm goirid air loidhne airson do bheachdan a chur a-steach aig: http://www.scottish.parliament.uk/gd/help/43259.aspx