Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012 #smwglasgow #smwglaschu #gaidhlig


Bidh bloga agus Twitter Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt ann an Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012. Fad na seachdain bidh sinn a’ coimhead air Glaschu agus Pàrlamaid na h-Alba anns a’ bhloga agus anns an inbhir Twitter againn. Gus cùisean a thòiseachadh, tha Seumaidh Uallas a tha a’ riochdachadh SMW Ghlaschu air pìos a sgrìobhadh dhuinn.

’S e a th’ ann an Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ach tachartas mòr a tha tighinn do Ghlaschu is 12 bailtean eile air feadh an t-saoghal an seachdain seo. Agus mar riochdaire air a’ bhòrd chomhairlich aig Social Media Week Glasgow airson na coimhearsnachd Gàidhlig am-bliadhna tha mi làn-toilichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba an sàs anns an t-seachdain shònraichte seo còmhla ri mòran bhuidhnean eile.

Glaschu 2012

Mar phàirt den phròiseact “Glaschu 2012”, bidh Dr Alasdair MacCaluim, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail pàirt ann am pannail deasbad air Dihaoine (28.09.2012) aig 1.00f a bhruidhinn air Gàidhlig agus na Meadhanan Sòisealta san fharsainge còmhla ri Alison Lang, sgrìobhadair; Gillian Dick, neach-gnothaich;  agus mi-fhìn, oileanach. Bidh Seòras Costford bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ dèanamh taisbeanadh ro làimh air a ghreis-obrach anns na meadhanan sòisealta. Tha cothrom ann dhuibh a bhi anns an èisteachd aig Skypark ann an Glaschu. Feumaidh sibh clàradh an seo. agus mura h-eil sin comasach, tha cothrom ann cuideachd ga fhaicinn beò air loidhne an seo. @Glaschu2012                  @ParlAlba           @AlisonLang      @GillianDick       @SeumasUallas               

An Litir Glè Bheag

Tha co-fharpais ann cuideachd –Bidh sgrìobhadair, Alison Lang agus bàrd nuadh, Marcas Mac An Tuairneir nar breitheamhan air farpais tweetadh, “An Litir Glè Bheag”. An sgeulachd (glè) ghoirid as fheàrr ann an 140 caractaran. Tha Alison ag ràdh: “Siuthadaibh, a chàirdean, agus cuiribh #SMWLitirGleBheag an cois ur tweets eadar seo agus 28mh Sultain;” agus tha Marcas ag ràdh: “Tha fiughair orm ur tweets a leughadh! Dè th’ agaibh?” Bidh Alison agus Marcas a’ leughadh a-mach roghainn litrichean aig 4.00f ann an Skypark air 28mh. Thigibh a-steach! Clàraich an seo  airson an tachartas seo. Bidh bileag air foillseachadh leis na innteartan nas s’ fhèarr.

@SMWGlaschu                 @AlisonLang                     @Marcas_Mac                  #SMWLitirGleBheag

Tachartasan Eile

Bidh an seinneadair Fiona J MacKenzie (@GaelicSinger) a’ dèanamh tweet no dhà fad an seachdain le abairtean feumail; agus tha BBC Radio nan Gàidheal a’ cluich sreath “Na Meadhanan Sòisealta”- sùil air meadhanan sòisealta le Shona Nic a’ Phiocair – eadar Dimàirt is Diardaoin aig 1.30f is 10.00f gach latha. Gheibh an sreath seo buaidh nam meadhanan sòisealta air naidheachdan, poilitigs, gnìomhachas agus air beatha phearsanta. Seo ceangal chun a’ phrògraim.

Mar a chì sibh, ‘s e seachdain trang a th’ ann agus mar sin deagh cothrom a bhith a’ cur Gàidhlig air adhart ann an dòigh le nua-chonaltradh agus a’ cleachdadh lìonra traidiseanta aig an aon àm. Tha mi an dòchas gun gabh mòran dhaoine aig a bheil Gàidhlig agus aig a bheil ùidh anns a’ chànain an cothrom a bhith an sàs anns an t-seachdain sònraichte airson Gàidhlig is Alba.

Seumaidh Uallas, Social Media Week Glasgow 2012

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s