Facal le Prìomh Oifigear na Pàrlamaid #gaidhlig


Anns a’ bhloga againn, bidh sinn a’ bruidhinn bho àm gu àm ri daoine a tha ag obair anns a’ Phàrlamaid mun obair aca. An-diugh, tha sinn a’ bruidhinn ri Pòl Grice, Clàrc/Prìomh Oifigear na Pàrlamaid.

PE Grice, Prìomh Oifigear is Clàrc na Pàrlamaid

A Phòil, tha thu an dà chuid nan Cheannard is nad Chlàrc aig Pàrlamaid na h-Alba. Am b’ urrainn dhut beagan innse dhuinn mun dreuchd agad agus na tha na lùib?

Tha dà rud bhunaiteach anns an dreuchd agam.  Mar Chlàrc na Pàrlamaid, bidh mi  toirt comhairle air gnothaichean a bhuineas ri modhan-obrachaidh agus gnothaichean bun-reachdail.  Gun teagamh, bidh mòran eile den luchd-obrach ri Clèireachas is Gnothaichean Laghail agus sgiobaidhean eile a’ toirt comhairle mar sin cuideachd ach ’s ann rium fhèin a tha e an urra nuair a thig e gu aon is gu dhà.  Saoilidh mi gu bheil clèireachas anns an t-seòmar – a bhios mi feuchainn is a bhios mi daonnan a’ dèanamh airson Ceistean a’ Phrìomh Mhinisteir, àm-ceasnachaidh coitcheann agus aithrisean deatamach le Ministearan – fhathast mar aonan de na nithean as dùbhlanaiche is as inntinniche ceangailte ris an obair.

Mar Cheannard, bidh mi  feuchainn ris an ìre as àirde a ghabhas de sheirbheis a thoirt seachad, an dà chuid do na Buill is don phoball a’ tadhal oirnn, gus a dhèanamh cinnteach gun tèid a’ Phàrlamaid a ruith gun strì.  A-rithist, tha an obair fhèin ga dhèanamh le mòran luchd-obrach eile ach ’s ann orm a tha an t-uallach air a’ cheann thall dèanamh cinnteach gu bheil na daoine, goireasan, siostaman is poileasaidhean an sàs agus gu bheil a’ bhuidheann air fad soilleir a thaobh dè dh’fheumar dèanamh.

Tha cuid de dh’atharrachaidhean mòra air gnothach na Pàrlamaid air fàire, an urrainn dhut innse dhuinn mun deidhinn seo?

‘S e an t-atharrachadh as motha a bhios ann, bhon t-Sultain, gum bi an làn-Phàrlamaid a’ coinneachadh Dimàirt, Diciadain agus feasgar Diardaoin leis na comataidhean a’ coinneachadh anns a’ mhadainn air na làithean sin.  Tòisichidh feasgar Dimàirt le ceistean ann an èiginn do Mhinistearan.  ’S e an t-amas farsaing a tha ann gun toir a’ Phàrlamaid freagairt nas fheàrr air cùisean is ceistean an latha.  Tha obair eile a’ dol an-dràsta, air a stiùireadh le luchd-gairm chomataidhean, air leasachadh air obrachadh nan comataidhean.

Tha thu air a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba fad trì bliadhna deug a-nis. Cò ris a tha a air a bhith coltach, an dà chuid dhut fhèin agus do Phàrlamaid na h-Alba?

Dhomhsa, tha e air a bhith na dhùbhlan, inntinneach is aoibhinn.   Bha agam ri ionnsachadh a rèir mar a chaidh mi air adhart oir ’s e post air leth a tha ann – gu dearbh, tha mi ag ionnsachadh fhathast!

Don Phàrlamaid, tha e air a bhith mu dheidhinn a bhith ga stèidheachadh fhèin mar bhuidhinn anns a bheilear a’ creidsinn is dham bheilear a’ gabhail spèis aig cridhe poilitigs ann an Alba.  Saoilidh mi gu bheil i air fàs is leasachadh ge-tà, ged ’s e ùine fhada a tha ann an trì bliadhna deug do Chlàrc  no do Cheannard, chan eil ann ach ùine gu math goirid ann am beatha Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk