Duais airson seirbheis foghlaim na Pàrlamaid #gaidhlig #gaelic


Tha Seirbheis Ruigsinneachd Pàrlamaid na h-Alba air duais a bhuannachadh airson a bhith co-obrachadh le sgoiltean ann an Siorrachd Aonghais.

Às dèidh seisean foghlaim a dhèanamh ann an Acadamaidh Fharfair, chaidh seirbheis foghlaim na Pàrlamaid a chur air adhart airson duais ‘com-pàirteachais ann am foghlam’ agus fhuair sinn teisteanas ann an tachartas a chaidh a chumail san sgìre.

Linda Young, Oifigear Foghlaim agus Cara Slater, Manaidsear Foghlam a-muigh aig Pàrlamaid na h-Alba

Ma tha thu airson’s gun tig Sgioba Ruigsinn na Pàrlamaid a-mach dhan sgoil, colaiste no buidheann agaibh, na bi leisg fios a chur thugainn. Tha seiseanan Gàidhlig, Beurla no dà-chànanach rim faighinn.

 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk