Comataidh a’ tadhal air làrach Ghlaschu 2014 #gaidhlig #gaelic


Thadhail BPA comataidh Slàite is Spòrs na Pàrlamaid air taobh an ear Ghlaschu na bu thràithe an t-seachdain seo airson coimhead air na h-ullachaidhean airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis 2014.

Thadhail iad air Velodrome Sir Chris Hoy, Àrainn a’ Cho-fhlaitheis agus air Baile nan Lùth-chleasaichean. Tha barrachd fiosrachaidh mun turas aca ri fhaighinn san fhios naidheachd againn (Gàidhlig).

 

Alasdair