Bileag ùr – Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair #gaidhlig


Tha Pàrlamaid na h-Alba air tionndadh ùr den leabhran “Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair” fhoillseachadh.

Tha seo a’ gabhail a-steach fios mu dè th’ ann am Pàrlamaid an h-Alba, dè an t-eadar-dhealachadh a th’ ann eadar Pàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba, ciamar a thèid BPA a thaghadh, dè an obair a th’ aig BPA dè na pàrtaidhean poilitigeach a tha air an riochdachadh anns a’ Phàrlamaid, obair an t-seòmair, obair nan comataidh agus tòrr a bharrachd.

Tha an leabhran seo ri fhaighinn air-loidhne no air pàipear bhuainn bho gaidhlig@scottish.parliament.uk

Alasdair