Adhartas eadar-theangachaidh!


Thàinig Ruairidh MacAoidh a tha ag obair aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE) a chèilidh oirnn an-dè gus siostam TMS – siostam cuimhne eadar-theangachaidh no translation memory system a shuidheachadh air na coimpiutairean againn

Dè th’ ann an TMS? Is e seòrsa prògraim a th’ ann a bhios a’ cuideachadh eadar-theangairean agus a’ dèanamh eadar-theangachadh nas fhasa is nas cunbhalaiche. Anns a’ phrògram, faodaidh tu abairtean is faclan Beurla is Gàidhlig a cheangal ri chèile gus am bi cuimhne aig a’ choimpiutair orra ma nochdas iad a-rithist.

Anns an sgeama paidhleat nàiseanta seo, tha OGE a’ co-obrachadh le tòrr bhuidhnean phoblach eile: Bòrd na Gàidhlig, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Dualchas Nàdair na h-Alba, Coimisean na Coilltearachd agus NHS na Gàidhealtachd.

Alasdair agus Ruairidh ag obair air an TMS

Anns a’ Phàrlamaid, tha sinn air tòiseachadh le bhith a’ cur a-steach liostaichean dà-chànanach de dh’ainmean sgìrean is roinnean pàrlamaid, ainmean BPA agus ainmean comataidh gus an urrainn don a h-uile duine air an t-siostam an cleachdadh.

Thathar an dòchas gum bi eadar-theangachadh nas fheàrr ann mar thoradh air a’ phròiseact seo.

Tha blog aig seirbheis TMS Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean:

http://tmserviceuhi.wordpress.com/about/

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

2 thoughts on “Adhartas eadar-theangachaidh!

  1. Math fhèin Alasdair 🙂 Chòrd an latha rium gu mòr agus ’s e cothrom air leth a bh’ann coinneachadh riut fhèin a-rithist agus ri Mark.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s