Libhrigeadh sònraichte – obair cloinne mu Uilleam Uallas #gaidhlig #wallaceletters


Tha an dà litir thùsail aig a bheil ceangal dìreach ri Uilleam Uallas gu bhith a’ nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba ann an taisbeanadh ùr a bhios a’ ruith gu Disathairne 8 Sultain.

Air an nochdadh gu poblach tha litir 700 bliadhna dh’aois mu Uilleam Uallas bho Rìgh na Frainge Filip a Ceithir agus Litir ainmeil Lübeck, a sgaoil Ualas is Anndra Moireach mar Luchd-gleidhidh na h-Alba an dèidh Cath Dhrochaid Shruighlea ann an 1297.

Tha litir Ualais air a bhith air a gleidheadh ann an Sasainn bho chaidh a lorg ann an Tùr Lunnainn sna 1830an. Tha i air iasad fada do Chlàran Nàiseanta na h-Alba a-nis an dèidh aonta a dhèanamh leis na Tasgaidhean Nàiseanta ann an Kew. Tha litir Lübeck air iasad bho thasgaidhean Cathair Lübeck, le aonta bhon Àrd-bhàillidh is bhon Chomhairle. Chaidh a taisbeanadh an turas mu dheireadh ann an Alba ann an 2005, ri linn taisbeanadh ‘Airson Saorsa a-mhàin’ ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha tòrr stuth ann a chaidh a dhèanamh le sgoilearan BS5, AS1, 2 anns na sgoiltean a leanas, a’ gabhail a-steach aithrisean naidheachd, bhideothan, obair-ealain agus bàrdachd:

•           Acadamaidh John Paul, Glaschu

•           Sgoil Craighome, Glaschu

•           Bun-sgoil Sealladh a’ Chanàil, Dùn Èideann

•           Bun-sgoil Croftmalloch, Whitburn, Lodainn an Iar

•           Bun-sgoil John Logie Baird, Baile Eilidh

•           Ionad Foghlaim Hailes an Iar, Dùn Èideann

•           Acadamaidh Dhrochaid an Easpaig, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear

 

An robh thu aig taisbeanadh Uallais? Nach leig thu fios thugainn dè do bheachd agad air air a’ bhlog seo.

Alasdair