Latha na h-òigridh am Pàrlamaid na h-Alba! #gaidhlig #fop2012


Fèis Phoilitigs: Latha Get the Picture! aig Pàrlamaid na h-Alba

Disathairne 25 Lùnastal 2012

An dèidh cho math is a shoirbhich le Latha na h-Òigridh an-uiridh, tha Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt fiathachaidh do dhaoine òga an latha a ghabhail thairis aig tachartas Get the Picture! am-bliadhna. The sinn ag obair ann an com-pàirteachas ri Pàrlamaid Òigridh na h-Alba, YoungScot agus Radio Òigridh Fìobha  gus latha comharraichte a chruthachadh.

Get the Picture 2011

Tha àiteachan air fhàgail fhathast agus tha sinn ag iarraidh gun tig farsaingeachd de bhuidhnean-òigridh aig aois 16 gu 25 às Alba gu lèir agus an latha seo a dhèanamh fiù nas motha is nas fheàrr na bha e riamh roimhe! Nach dèan sibh truitrich mun tachartas againn agus cuidich rinn gus an naidheachd a sgaoileadh 🙂

Fear de chuspairean Fèis Phoilitigs is e ‘Atharrachadh Adhartach’ agus cò a b’ fheàrr gus innse dhuinn dè na h-atharrachaidhean a tha cudromach na sibh fhèin! Bidh dòighean cruthachail ann gus na ceistean agaibh a nochdadh is a dheasbad cho math ris na beachdan is na fuasglaidhean tionnsgalach agaibh.

Bidh Ionad a’ Mhargaidh na chothrom dhut do làrach fhèin fhàgail air a’ Phàrlamaid. Cuir an ’stalla’ agad fhèin an rian gus an cluinnear do ghuth agus cuir do chuid fiosrachaidh an cèill do bhuidhnean eile. Faigh a-mach dè bhios ag obair bho Bhuill Pàrlamaid nan Òg aig an ‘Oisean-Iomairt’ agad agus gabh pàirt ann an cur-seachadan air an cumail leis na h-Albannaich Òga, nam measg an Spiris mar Sheòmar Leabhar-latha aca. Thèid an ceòl a thaghas tu a sgaoileadh ri linn craoladh-radio beò Radio Òigridh Fìobha aig an tachartas.

Bidh do bhòtaichean cudromach aig na Deasbadan am-bliadhna aig am bi cuideachd gnothaichean nach fhacas riamh roimhe san t-Seòmar. Seo an cothrom dhut do ghuth a thogail san t-Seòmar-deasbaid agus innis do chàch mu na fuasglaidhean a tha agad air ceistean a tha cudromach. Fàg do làrach agus cuir ri poilitigs san àm ri tighinn!

Bidh cothrom ann ri linn Fois beachd a ghabhail air deasbad, cumail ort a’ nochdadh do bheachdan agad agus ceann is casan a chur air an latha. An dèidh seo, tha cuireadh agad tiogaidean a cheannach airson Ceòl Beò le 4 còmhlain-chiùil ùra à Alba. Gheibh thu blasad de na còmhlain air fad ach a-mhàin The Dandylions aig na ceanglaichean seo:

The Stagger Rats

http://www.thestaggerrats.com/

The Machine Room

http://themachineroommusic.tumblr.com/

Val Verde

http://valverde.bandcamp.com/

Àiteachan

Faodaidh tu àiteachan a chur an dara taobh tron bhileig againn air an Lìon.

Bileag-thiogaidean Get the Picture!

Air neo, faodaidh tu post-dealain a chur gu Frances Paulo aig frances.paulo@scottish.parliament.uk.

Bhitheamaid fada nad chomain nam b’ urrainn dhut an t-iarrtas agad gus àite a chur air dòigh a chur thugainn cho luath is a tha agad seach gu bheil srian ri àiteachan agus air bunait ‘a rèir mar a nochdas’ – feuch nach caill thu a-mach!  Thoir fa-near gun toir sinn taic le cosgaisean-siubhail.

Dealbh den Latha

09.30 – 10.30

Nochd gus an crò agad a chur air bhonn san Aonach agus mar chothrom dhut sealltainn air taisbeanadh Uilleim Ualais.

11.00

Nochdadh is clàradh

11.30 – 13.00

Obair san Aonach

13.00 – 14.00

Lòn

14.15 -16.15

Deasbaireachd

16.30

Fois

17.00

Crìoch

Tòisichidh an Ceòl Beò aig 18.30

Frances Paulo

frances.paulo@scottish.parliament.uk.

Luchd-obrach na Pàrlamaid ag ullachadh airson latha na h-oigridh