Àrd-choinneamh Chultarach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann sa Phàrlamaid #gaidhlig #CultureSummit


Bidh Ministearan Cultair o mu 40 dùthchannan a’ cruinneachadh ann an Dùn Èideann 13 agus 14 Lùnastail airson na h-Àrd-Choinneimh.

Airson a’ chiad uair, bidh an Àrd-Choinneamh, a tha mar cho-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na RA, Comhairle Bhreatainn agus Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, a’ toirt còmhla Ministearan Cultair bho air feadh an t-saoghail agus daoine cliùiteach ann an saoghal nan ealain gus ròl cultair mar chòmhradh eadar-nàiseanta a dheasbad.

Thèid an Àrd-Choinneamh Chultarach a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba. Cuirear fàilte air Luchd-frithealaidh air 13 Lùnastail le Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick BPA, Rùnaire Cultair na h-Alba, Fiona Hyslop BPA agus Ministear Cultair na RA, Ed Vaizey BP.

http://www.scottish.parliament.uk/gd/newsandmediacentre/52982.aspx

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk