Litir Uilleim Uallais air ais an Alba #gaidhlig


Tha litir Lübeck air ais ann an Alba.

San deilbh seo, chithear Antje Stubenrauch, càiriche (restorer) bho Thasglannan Lübeck, a’ toirt sùil air litir Lübeck còmhla ri Linda Ramsay, Ceannard Glèidhteachas aig Clàran Nàiseanta na h-Alba, agus i air a toirt air ais do dh’Alba airson taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh an litir a chur le Uilleam Uallas agus Anndra Moireach ann an 1297 do dh’àrd-bhàillidh Lübeck agus àrd-bhàillidh Hamburg gus dàimhean malairt a bhrosnachadh eadar Alba agus an dà chathair-bhaile an dèidh Cath Drochaid Shruighlea.

Tha litir Lübeck air iasad bho thasglannan Cathair-bhaile Lübeck, le aonta an Àrd-bhàillidh agus na Comhairle. Bidh i na pàirt de thaisbeanadh Litrichean Uallais a bhios ann ’s ri fhaicinn aig Taigh an Ròid bho 10 Lùnastal.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk