Moladh airson Bile air BSL air beulaibh na Pàrlamaid #gaidhlig #BSL


Chaidh moladh airson bile bhall mu Chànan Soidhnidh Bhreatainn (BLS) – Bile Cànain Soidhnidh Bhreatainn (Alba ) – a chur air beulaibh na Pàrlamaid bho chionn dà sheachdain le Marc Griffin BPA.

Marc Griffin BPA

Tha barrachd fiosrachaidh mun cho-chomhairle air a’ mholadh seo airson bile ri fhaicinn air duilleag a’ bhile.

Cànan Soidhnidh Bhreatainn ga chleachdadh sa Phàrlamaid.

Ach dè th’ ann am Bile Bhall?

’S e Bile Bhall (Members’ Bill) bile a tha air a thoirt a-staigh dhan Phàrlamaid le Ball Pàrlamaid fa leth nach eil na b(h)all den Riaghaltas seach le Riaghaltas na h-Alba (Bile Riaghaltais) no le comataidh  phàrlamaideach (Bile Comataidh).  

Thèid dreach mholadh fhoillseachadh.  Às dèidh sin, mar as trice, thèid sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh a chur a-mach gus beachdan a shireadh.

Aig deireadh a’ phròiseis cho-chomhairleachaidh, faodaidh BPA moladh deireannach a chur a-steach airson bile agus thèid seo fhoillseachadh ann an Iris Ghnothaichean na Pàrlamaid fad mìos.

Ma gheibh seo taic thàr-phàrtaidh  bho 18 BPA rè na h-ùine seo, agus mur eil an Riaghaltas air a ràdh gun cuir iad a-steach an reachdas fhèin air a’ chuspair seo, faodaidh am ball an uair sin am bile a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid.

Seo cairt a tha a’ sealltainn pròiseas nam Bilean Bhall.

 

An uair ’s gu bheil am bile air a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid, leanaidh e an uair sin am pròiseas àbhaisteach aig bilean.

Airson liosta de na molaidhean airson nam bilean bhall air fad, faic duilleagan nam Bilean Bhall air ar làrach-lìn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk