Stampaichean a’ comharrachadh nan Geamannan Oilimpeach sa Phàrlamaid #gaidhlig #lunnainn2012


Tha stampaichean aig a’ Phost Rìoghail a tha a’ comharrachadh buinn òr aig Sgioba GB gan taisbeanadh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

 

Bithear a’ foillseachadh stampa airson gach buannaiche bann òir aig Sgioba GB anns an taisbeanadh seo.

 

‘S e Helen Glover agus Heather Stanning a bhios air a’ chiad tè às dèidh dhaibh a’ chùis a dhèanamh ann an iomradh paidhrichte  nam bàn. Tha Heather à Inbhir Losaidh agus is i a’ chiad Albannach a bhios air nochdadh air stampa oilimpeach.

 

Bidh na stampaichean uile air an taisbeanadh anns a’ Phàrlamaid bho 27 July gu 1 Dàmhair.

 

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliametn.uk