Facal Gàidhlig na Seachdain #gaelic #gaidhlig


Rè fosadh an t-samhraidh, bidh facal Gàidhlig co-cheangailte ri obair na Pàrlamaid a’ nochdadh air Twitter Beurla na Pàrlamaid  – @ParlAlba – gach seachdain.

Cho math ris an fhacal sgrìobhte, bidh ceangal ann ris an fhuaimneachadh agus fiosrachadh eile air Soundcloud.

 

A bharrachd air seo, bidh am fiosrachadh àbhaisteach mun Phàrlamaid is mu a h-obair air Twitter @ParlAlba sa Ghàidhlig agus @ScotParl mar as àbhaist, a’ gabhail a-steach am fiosrachadh as ùire mu Dhealbhan Naidheachd an t-Saoghail agus an Fhèis Phoilitigs.

Nach sgaoil thu am fiosrachadh do dhuine sam bith as aithne dhut aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. (Post sa Bheurla ri leantainn).

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk