Sùil air luchd-obrach na Pàrlamaid (1) #gaidhlig #gaelic


Am do leugh thu riamh bileagan is foillseachaidhean na Pàrlamaid? Anns a’ chiad artaigil ann an sreath de dh’agallamhan le luchd-obrach na Pàrlamaid, tha sinn a’ bruidhinn ri Michael Peters a tha an sàs gu mòr ann a bhith a’ cruthachadh foillsichidhean na Pàrlamaid.

Dè an t-ainm a th’ ort agus dè an obair a th’ agad?

Is mise Mìchael Peters agus is e Manaidsear Dèanamh Foillseachaidhean Pàrlamaid na h-Alba a th’ annam.

Innse dhuinn rud beag mun obair agus mun t-seòrsa fhoillseachaidhean a bhios tu a’ cur ri chèile.

Tha mi nam phàirt de dh’oifis Fiosrachadh Poblach is Foillsichidhean na Pàrlamaid. Bidh an sgioba seo a’ ruith switchboard na Pàrlamaid, a’ freagairt cheistean bhon phoball agus a’ cruthachadh is a’ foillseachadh fiosrachadh mun Phàrlamaid agus mar as urrainn dhuinn pàirt a ghabhail innte. Sin far a bheil an obair agamsa a’ tòiseachadh.

A bheil a’ Phàrlamaid a’ dèanamh barrachd fhoillseachadh eadar-ghnìomhach is air-loidhne mar thoradh air barrachd dhaoine a’ cleachdadh an eadar-lìn mar phrìomh dhòigh gus fiosrachadh fhaighinn?

Tha a’ Phàrlamaid air a bhith a’ sgaoileadh fiosrachadh ann an cruth dealanach agus ann an clò bho thùs ach le mar a tha teicneolas a’ gluasad air adhart, tha sinn a-nis air tòiseachadh air stuthan a dhèanamh ann an diofar cruthan dealain. Cho math ri PDFan, tha sinn air goireasan eadar-ghnìomhach leithid Pàrlamaid na h-Alba an-diugh is an dè agus diofar gheamannan a dhèanamh. 

Tha sinn air deuchainn a dhèanamh air aon leabhran fhoillseachadh mar leabhar-d (Beurla a-mhàin gu ruige seo) agus tha sinn a’ coimhead air dòighean gus seo a thoirt air adhart barrachd.

A bheil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh ann am foillsichidhean na Pàrlamaid?

Tha a’ Phàrlamaid airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine ann an Alba pàirt a ghabhail anns an oibair aice. Mar thoradh air seo, tha Gàidhlig air a bhith cudromach ann an obair na Pàrlamaid bho dh’fhosgail e air ais ann an 1999.

Thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an diofar dhòighean ann an diofar fhoillsichidhean. Mar eisimpleir, tha foillsichidhean Gàidhlig ann agus tha foillsichidhean dà-chànanach le Gàidhlig is Beurla còmhla. Bidh mi a’ bruidhinn ris na h-oifigearan Gàidhlig gus dèanamh cinnteach dè an dòigh as fheàrr fios a sgaoileadh do luchd na Gàidhlig.

Nuair nach eil mòran rùm ann, bidh sinn a’ cur beagan fhaclan Gàidhlig a-steach dhan ghoireas. Tha rudan Gàidhlig, rudan dà-chànanach agus rudan le blasad de Ghàidhlig anns an taisbeanadh Moving Stories / Sgeulachdan Siùbhlach .

Tha mi a’ tuigsinn gu bheil thu an urra ri ìomhaigh chorporra na Pàramaid – an t-suaicheantas is  mar sin air adhart – agus airson a bhith dèanamh cinnteach gun tèid a chleachdadh gu ceart. Feumaidh gur e uallach mòr a tha sin. An urrainn dhut rud beag innse dhuinn mu dheidhinn?

Tha sin ceart. Tha mi a’ stiùireadh cleachdadh ìomhaigh chorporra na Pàrlamaid. Tha thu ceart – le cumhachd mòr, tha dleastanas mòr ann cuideachd! Anns an ìomhaigh chorporra, tha an teacs “The Scottish Parliament/Pàrlamaid na h-Alba” anns an dà-chànain fon chrùn agus fo bhratach na h-Alba.  

Chaidh an ìomhaigh-chorporra dà-chànanach a chur ri chèile ann an 2008 às dèidh Achd na Gàidhlig (Alba) a dhol tron Phàrlamaid.

A chionn ‘s gu bheil luachan na Pàrlamaid air an riochdachadh anns an ìomhaigh chorporra, tha e cudromach gun tèid a chleachdadh gu ceart. Is e an obair a th’ aig an sgioba agam a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tachair seo.

Càite am faigh sinn greim air foillseachaidhean na Pàrlamaid?

Tha a h-uile foillseachadh air fhaighinn air an làrach-lìn. Gheibhear cuid aca ann an cruth-clò cuideachd. Ma tha thu airson an òrdachadh no barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun Ghàidhlig anns a’ Phàrlamaid, nach cuir thu fios thugainn:

Fòn:                            0131 348 5395

Post-d:                        gaidhlig@scottish.parliament.uk

Twitter:                       twitter.com/ParlAlba            

 

 

Michael Peters

Michael.peters@scottish.parliament.uk

 

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)