Gòrdan Brown gu bhith a’ libhrigeadh prìomh òraid Fèis Phoilitigs 2012 #fop2012 #gaidhlig


Chaidh prògram Fèis Phoilitigs 2012 fhoillseachadh an-diugh.

Tha prògram ceithir latha gu bhith ann am-bliadhna a’ gabhail a-steach poilitigs, ceòl, ealain, tèatar, litreachas agus deasbad fon teama Poilitigs. Cultar. Cruthachalachd. Cumhachd gus Leasachadh a Thoirt.

Bidh an seann Phrìomhaire Gòrdan Brown a’ toirt seachad prìomh òraid na fèise.

Airson fios mu dheidhinn prìomh thachartasan na fèise am-bliadhna, faic ar fios naidheachd (Gàidhlig – ri thighinn) no airson a’ phrògraim air fad, faic am prògram (Gàidhlig).

Seo còmhlan Albannach òg, ùr à Fìobh a bhios a’ cluich beò aig an Fhèis Phoileataigs am-bliadhna – Na Dandylions. Is iad Kellie Bhochanan, giotàr, Dàibhidh Hershaw, maindilin agus Sandi Forbes air an fhìdheall.

 

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk