Sgeulachdan Siubhlach ann an Inbhir Nis #gaidhlig #inbhirnis #sp4


Tha an taisbeanadh dà-chànanach Sgeulachdan Siubhlach a sheallas mar a chaidh daoine an-sàs ann am Pàrlamaid na h-Alba gus cùisean atharrachadh air fosgladh ann an Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis.

 

Agus i a’ bruidhinn air fosgladh an taisbeanaidh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA:

“Tha còrr is 200,000 neach air an taisbeanadh seo fhaicinn mar-thà ’s e a’ siubhal air feadh h-Alba. Tha mise glè thoilichte gu bheil e fhathast a’ dol mun cuairt na dùthcha oir tha e cudromach gum bi Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh ceangail ri èasgaidheachd, misneachd is amasan ar n-òigridh.

 “Is iomadh dòigh san tèid daoine an-sàs sa Phàrlamaid, eadar a bhith a’ togail iomairt, a’ cur a-steach athchuinge neo a’ conaltradh ri BPAan aig tachartas neo taisbeanadh a tha fo urras bhall, agus ’s e amas ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ ach cuid de na dòighean sin a chur fa chomhair dhaoine.”

Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn ann an Eden Court gu 23 Iuchar.

Leugh am fios naidheachd mun taisbeanadh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk