Amannan suidhe na Pàrlamaid ag atharrachadh #gaidhlig #sp4


Tha a’ Phàrlamaid air aontachadh na h-amannan suidhe aig Pàrlamaid na h-Alba atharrachadh.

Suidhidh an seòmar tri feasgaran san t-seachdain – Dimàirt, Diciadain is Diardaoin –  bhon t-Sultain a-mach.

Bidh na comataidhean a’ coinneachadh madainn Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin.

Tha na th ’atharrachaidhean seo air tachairt gus a’ Phàrlamaid a dhèanamh nas èifeachdaiche le bhith dèiligeadh ri ceistean ùra a tha a’ tighinn am bàrr.

Tha bhideo goirid aig an Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA le barrachd fiosrachaidh mun atharrachadh.

Tricia Marwick BPA